Cuir eòlas air a’ Phàrlamaid – goireas foghlaim ùr #gaidhlig #foghlam #sp4


Ma tha thu ag obair còmhla ri sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil no san àrd-sgoil, tha goireas foghlaim ùr againn a dh’fhaodadh a bhith feumail dhuibh.

Seo Cuir eòlas air a’ Phàrlamaid, goireas eadar-ghnìomhach a tha a’ sealltainn mar a tha cuisean ag obrachadh ann an Seòmar na Pàrlamaid agus ann an oifis aig BPA. Tha sinn ag obair air goireas eile mu chomataidhean cuideachd.

 

Tha duilleagan obrach ann a tha a’ dol leis a’ ghoireas air-loidhne, tionndadh airson bhun-sgoiltean agus tionndadh eile airson àrd-sgoiltean.

Alasdair                                                                         

gaidhlig@scottish.parliament.uk