Opara na h-Alba agus “a little bit of Tosca” sa Phàrlamaid an-diugh #gaidhlig #sp4


Bidh Opara na h-Alba a’ toirt A Little Bit of Tosca – a leagan beag fhèin de Tosca – gu Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin 17 Cèitean.  Tha opara ainmeil Puccini, anns a bheil gaol, feall is murt, gu bhith air a lìbhrigeadh ann an cuirm a mhaireas 20 mionaid, rud a tha a’ dèanamh air 40 ionad thar na dùthcha.

 Beagan Tosca - dealbh

An-diugh, chì luchd-tadhail na Pàrlamaid an sgeul air a thoirt beò le sgeulaiche agus grunn dhealbhan dathte, le taic o sheinneadair sopràno, cluicheadair beus-fhidheall agus clàrsair ’s iad ri taghadh ciùil on dràma.

Tha seo saor is an-asgaidh don phobal.

Faic am fios naidheachd againn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk