Seiseanan Foghlaim a-nis rim faighinn airson Sultain – Dùbhlachd 2012 #gaidhlig #SP4


Tha an sgioba Foghlam Ruigsinn aig Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail clàraidhean a-nis airson seiseanan eadar Sultain agus Dùbhlachd 2012

Tha na seiseanan seo gan cumail anns an sgoil agaibh agus tha iad rim faighinn airson clasaichean eadar P4 is S6.

Bidh na seiseanan air an cur ri-chèile a rèir aois is ìre, leis an ìre-chànain is gnìomhan ionnsachaidh as fhreagarraich.  

Airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram ‘A’ Phàrlamaid Agaibh san Sgoil Agaibh’ faodaidh sibh sùil a thoirt air: http://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/Education/15205.aspx

Anns an àbhaist mairidh na seiseanan bun-sgoile uair gu leth le trì clasaichean san latha aig a’ char as motha. Anns an àrd-sgoil bidh na seiseanan eadar uair is uair gu leth a dh’fhaid, a’ crochadh air a’ chlàr-ama is air a’ bliadhna anns a’ bheil iad, ach mar as tric ’s e uair gu leth airson S4, 5 agus 6 agus timcheall air uair airson S1, 2 agus 3.      

Faodaidh sinn cuideachd seisean a bharrachd a chur air dòigh dhuibh air a bheil ‘BPA ann an Sgoiltean’ a bhios ga chumail anns an sgoil agaibh le BPA (‘MSP’).   

Air an làimh eile, nam bu toil leibh tadhal air a’ Phàrlamaid, tha àireamh bheag de thursan Foghlam Ruigsinn rim faighinn tro Sheirbheisean Luchd-tadhail agus faodaidh sibh cur a-steach airson fear aca nuair a bhios an Seisean Ruigsinn agaibh air a dhearbhadh.  

A bharrachd air sin, faodaidh sibh fios a chur gu Seirbheisean Luchd-tadhail nam biodh sibh airson tiogaidean a chur air dòigh do choinneamhan comataidh no do ghnothaichean anns an t-Seòmar.

Nam bu toil leibh seisean a chur air dòigh nach lìon sibh am foirm againn an-seo

https://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/Education/19210.aspx

Cara Slater

Manaidsear Foghlam Ruigsinn

Seirbheisean Ruigsinn

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

Fòn: 0131 348 5374

Fòn teacsa: 18001 0131 348 5374

Facs: 0131 348 5601

Fòn-l: 07740 896781

Post-d: cara.slater@scottish.parliament.uk