Cànan Soighnidh Bhreatainn ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig #BSL


Am measg nan cànan a chleachdar bho àm gu àm aig Pàrlamaid na h-Alba, tha Cànan Soighnidh Bhreatainn (no ‘BSL’). An t-seachdain-sa chaidh, rinn mi cùrsa mothachaidh air a’ chànan sin le ‘Deaf Action’ ann an Dùn Èideann far an d’fhuair sinn a-mach beagan mu shuidheachadh daoine bodhar anns an Rìoghachd Aonaichte ’s an Alba cho math ri beagan mu BhSL agus bun-fhiosrachadh air a’ chànain fhèin.

BSL

Bha e air leth inntinneach fhaighinn a-mach gu bheil a’ chànan sin air a bhith ann cho fada – ann an cruth a choreigin on t-siathamh linn deug fiù’s – agus gu bheil timcheall air an aon àireimh de luchd-cleachdaidh BhSL (mar phrìomh chànan) anns an Rìoghachd Aonaichte ’s a tha de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba, le barrachd is sia mìle dhiubh an Alba fhèin.

Tha gràmar Cànan Soighnidh Bhreatainn cho eadar-dhealaichte bhon Bheurla no bhon Ghàidhlig oir tha i a’ crochadh air gluasad-bodhaige (gesture) a-mhàin. Mar eisimpleir nuair a bhios tu a’ faighneachd dè’n t-ainm a tha air cuideigin, tha e mar ’s gu biodh thu ag ràdh ‘thu’ (a sealltainn cò air a bheil thu a’ bruidhinn le do sgealbaig) ’s an uair sin an soighne (no gluasad-bodhaige) airson ‘ainm’ agus an uair sin an soighne airson ‘dè?’.

Ma bhios ùidh agad ann am ‘BSL’ aig a’ Phàrlamaid faodaidh tu sùil a thoirt air a’ cheangal gu h-ìseal:

http://www.scottish.parliament.uk/gd/help/3380.aspx

Marc Mac an Fhilidh

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

gaidhlig@scottish.parliament.uk