Twitter Gàidhlig @ParlAlba #gaidhlig #gaelic


Faodaidh luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh a bhith a’ leantainn na tha dol ann am Pàrlamaid tron Twitter ùr aig Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh fios ann mu ghnothaichean pàrlamaideach anns an t-Seòmar agus sna Comataidhean cho math ri fios mu thachartasan, na seirbheisean foghlaim againn agus cothroman gus pàirt a ghabhail ann an obair na Pàrlamaid.

Tha an t-inbhir Twitter againn aig www.twitter.com/ParlAlba

Ma tha thu air Twitter, nach lean thu sinn!

Alasdair