Seiseanan Foghlaim rim faighinn sa Ghàidhlig #gaidhlig #gaelic #SP4


Chuir Seirbheis Ruigsinn na Pàrlamaid an latha seachad Dimàirt aig Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ toirt seachad seiseanan foghlaim eadar-ghnìomhach sa Ghàidhlig mun Phàrlamaid agus mar a bhios i ag obair tro mheadhan na Gàidhlig mar phàirt den phrògram A’ Phàrlamaid Agaibh san Sgoil Agaibh.

 

Bun-sgoil Ghàidhilg Inbhir Nis

Dh’obraich Oifigear Foghlaim Mairead NicEacharna còmhla ri trì clasaichean eadar clas a ceithir is clas a seachd na bun-sgoile agus iad ri gnìomhan mar deasbadan ann an stoidhle na pàrlamaid agus fiù’s gnìomh air a bheil “dèan do BhPA fhèin”.

Mar phàirt den phlana Gàidhlig aice, tha a’ Phàrlamaid a’ feuchainn ri bhith a’ brosnachadh tuilleadh sgoiltean is aonadan Gàidhlig a bhith a’ gabhail pàirt san sgeama. A bharrachd air seiseanan tro mheadhan na Beurla agus seiseanan ann an Gàidhlig airson clann-sgoile ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bidh a’ Phàrlamaid  a’ cumail seiseanan dà-chànanach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil agus clann-sgoile Gàidhlig sa bhun-sgoil.

Tha an t-seirbheis seo ri fhaighinn air feadh na Gàidhealtachd agus na h-Alba leis na seiseanan seo ag amas air clasaichean P6-S3 agus iad ceangailte ri curriculum Foghlam is Saoranachd.

Bidh clàradh airson seiseanan ruigsinn na Pàrlamaid do dh’ath-bhliadhna na sgoile a’ fosgladh 14 Cèitean agus tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid no le bhith a’ cur fòn gu: 0131 348 5401no le bhith a’ cur fòn gu: 0131 348 5401 no :  http://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/374.aspx

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk