Rèabhlaid nam Meadhanan Sòisealta #gaidhlig #gaelic


Chaidh mi fhèin is Alasdair gu cùrsa gu math inntinneach ann an Glaschu Diciadain 25 Giblean a chaidh a chur air dòigh leis an Consultation Institute.

Agus e air a stiùireadh le Jonathan Bradley aig Participate, bha an latha uile mu na meadhan sòisealta agus mar as urrainnear an cleachdadh airson co-chomhairle, co-luadair agus com-pàirteachadh èifeachdachd is cumhachdach.

Chòrd a’ bhideo sgoinneil le Erik Qualman (gu h-ìosal) ruinn gu mòr agus ionnsaich sinn gur e an treas dùthaich as motha air an t-saoghal a bhiodh ann am Facebook nan robh i na dhùthaich! Cuideachd, chuala sinn gum bi cuideigin a ghabhail ann an LinkedIn gach diog den latha.

Na b’ annasaiche buileach, ionnsaich sinn gur e gur e an dàrna einnsean rannsachaidh as motha anns t-saoghal a th’ ann an YouTube a-nis agus gu bheil cuid de na h-oilthighean air sgur de bhith a’ toirt cunntasan puist-d gu an cuid oileanaich. Tòrr adhbhar breithneachaidh dhuinn mun dòigh anns am bi sinn a’ dèanamh rudan sa Phàrlamaid.

Nuair a thug mi sùil air a’ phost-d agam tro mo BlackBerry aig àm lòn, fhuair sinn a-mach cuideachd gun d’fhuair sinn cead gus Twitter pàrlamaideach a chur air dòigh anns a’ Ghàidhlig. Cùm sùil air a’ bhlog seo airson barrachd fiosrachaidh mun Twitter againn a dh’aithghearr. Cluich sinn le m’ iPad cuideachd gus a’ Phàrlamaid a lorg air FourSquare. Is dòcha nach eil mi cho fada air dheireadh leis na meadhanan sòisealta is le teicneolas sa bha mi an dùil aig tòiseach an latha. ’S mi a tha a’ coimhead air adhart ri beachdachadh air planaichean gus ar làthaireachd anns na meadhanan sòisealta a leudachadh le Alasdair, Marc agus an còrr den sgioba a dh’aithghearr.

Rosemary

Ceannard Sgioba Ruigsinn nan Pàrlamaid

Rosemary.everett@scottish.parliament.uk

Rosemary Everett

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)