Cho Albannach ri Siorrachd Pheairt – Turas don Phàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Air an t-siathamh latha air fhichead dhen Mhàrt, chaidh grunnan daoine bhon chearcall-chòmhraidh “Abair Thusa” bho Pheairt gu Dùn Èideann, airson Pàrlamaid na h-Alba fhaicinn.

Tron bhliadhna, bidh sinne–na daoine a bhios a’ dol gu Abair Thusa–a’ cruinneachadh ann am Peairt gach Diciadain airson còmhraidh agus caidreibh.  Agus, a bharrachd air sin, o àm gu àm bidh sinn a’ gabhail chuairtean beaga do dh’àiteachean inntinneach far is urrainn dhuinn ar Gàidhlig a’ leasachadh.  An-uiridh, mar eisimpleir, chaidh sinn dhan sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.   

Am-bliadhna, chuir sinn romhainn a dhol dhan Phàrlamaid.  Tha ceangal sònraichte aig Abair Thusa ris a’ Phàrlamaid, oir bha Alasdair MacCaluim–a tha a-nise na Oifigear Leasachaidh Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid–na Oifigear Leasachaidh ann am Peairt nuair a chaidh Abair Thusa a stèidheachadh.  Agus tha cuimhne math agus meas mòr aig na daoine–iad a tha air a bhith a tighinn do dh’Abair Thusa bhon thoiseach thòiseachadh–air Alasdair.    

Nise, mar a bhiodh dùil, tha caochladh bharailean againn mun Phàrlaimaid–mun togalach fhèin agus mun obair a thathar a’ dèanadh na bhroinn!  Ach chan eil teagamh ann gu bheil sinn uile air an aon ràmh a thaobh na h-aoigheachd a fhuair sinn anns a’ Phàrlamaid, a’ tòiseachadh ris a’ chiad duine ris an do thachair ruinn–oifigear tèarainteachd a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, agus e a’ gabhail brath air a’ chothrom a bhith ga bruidhinn ruinn.

An uair sin thachair sinn ris ar bana-threòraiche, Ann Paterson, agus bha sinne gu mòr nar dòigh rithe!  Boireannach coibhneil ’s laghach a tha innte, agus eòlas mòr aice mun Phàrlamaid.

Leis gun robh feadhainn ann an grunnan aig nach eil ach beagan Gàidhlig, bha feum aice air a h-uile rud a mhìneachadh ann an dà chànan, Gàidhlig agus Beurla.  Agus sin a rinn i, ann an dòigh cho nàdarra is cho comasach is a ghabhas. 

Tha mi cinnteach gun do chòrd an turas dhan Phàrlamaid leinn uile–ged a ghabh sinn briseadh-dùil nach robh Alasdair MacCaluim ri fhaicinn air an latha ud idir!  An ath-thuras, is dòcha…

Is mise, le meas,

Deborah Moffatt                                

* A bheil thu no a’ bhuidhinn agad air tighinn dhan Phàrlamaid? Nach cuir thu do bheachdan thugainn airson a’ bhlog!

*A bheil a’ bhuidheann agad ag iarraidh tighinn don Phàrlamaid airson turas sa Ghàidhlig? Cuir fios gu: SP.Bookings@scottish.parliament.uk