Rannsachadh air Roma/Luchd-siubhail #gaidhlig #SP4EqualOpps


Tha Comataidh Co-ionnanachd Chothroman na Pàrlamaid a’ dèanamh rannsachadh air Roma/Luchd-siubhail (Gypsy/Travellers) aig an àm seo.

Tha iad ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine air cùisean a tha a’ toirt buaidh air Roma/Luchd-siubhail.

Gu sònraichte, bidh a’ chomataidh a’ coimhead air cùisean co-cheangailte ri àiteachan fuirich.

  • A bhith a’ lorg làrach-còmhnaidh
  • Cò ris a tha beatha air na làraichean coltach?
  • Ciamar a tha làraichean air an ruith?
  • A’ cleachdadh seirbheisean (m.e dotairean, fiaclairean 7c)

Tha bileag ri faighinn mun rannsachadh.

 

Bileag an rannsachaidh

Tha a’ chomataidh air bhideo goirid a dhèanamh mun rannsachadh cuideachd.

Ma tha thu airson fios a chur chun na comataidh, cuir post-d gu equal.opportunities@scottish.parliament.uk no tweet gu @scotparl #SP4EqualOpps

San dol seachad, tha sinn air Rona/Luchd-siubhail a chur air Gypsy/travellers an seo ach tha iomadh facal eadar-dhealaichte a nochdadh anns na faclairean agus air-loidhne. Ma tha beachd sam bith aig daoine air briathrachas nas fheàrr, bu mhath leinn cluinntinn bhuaibh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s