Saluton! Luchd na h-Esperanto sa Phàrlamaid #gaidhlig #esperanto


‘S iomadh cànan a chithear is a chluinnear ann an Taigh an Ròid, a’ gabhail a-staigh iomadh cànan coimhearsnachd agus cànainean aig luchd-turais a bharrachd air Gàidhlig agus Beurla.

Seo am poileasaidh cànain againn.

Chualas an cànan eadar-nàiseanta  Esperanto sa Phàrlamaid airson a’ chiad turais-trèoraichte riamh againn sa chànan Disathairne 21 Giblean agus buidheann à co-chòmhdhail Esperanto na h-Alba agus Bhreatainn a’ tighinn don Phàrlamaid aig deireadh na seachdain gus togalach Taigh an Ròid fhaicinn agus gus ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.

Thàinig buill den bhuidheann à air feadh na h-Alba, bho dhùthchannan eile na RA agus à air feadh  an t-saoghail. Uile gu lèir bha mu 100 duine ann.

Am measg nan dùthchannan air an riochdachadh bha a’ Bheilg, an Fraing, Lugsamburg, a’ Ghermailt, Nirrbhidh,  Latbhia, Litùania, A’ Bhulgair agus an Ucràin.

La Verda Stelo - an Rionnag Uaine: Bratach na h-Esperanto

Esperantistoj en na cxambro de la Skota Parlamentejo

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

6 thoughts on “Saluton! Luchd na h-Esperanto sa Phàrlamaid #gaidhlig #esperanto

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s