Gàidhlig gu leòr ann am Faifley #gaidhlig #gaelic


A bheil àite ann far nach tèid sgioba Ghàidhlig Pàrlamaid na h-Alba?  

O chionn goirid bha Mairead NicEacharna, Oifigear Foghlam, a’ dol a-mach do Bhun-sgoil Edinbarnet ann am Faifley (Comhairle Dhùn Breatann an Iar).

Bun-sgoil Edinbarnet. Dealbh le Stephen Sweeney, air a chleachdadh fo chead Creative Commons.

’S dòcha nach bi sibh a’ bruidhinn air “Faifley” (Am Fionn Bhealach?) agus “Gàidhlig” san aon rosgrann gu tric ach tha an sgoil air oidhirp mhòr a dhèanamh gus Gàidhlig a bhrosnachadh. Nì a’ chlann GLPS (Gaelic Language in the Primary School) agus tha iad air na sgilean aca a chleachdadh ann am film beag goirid a chur na tidsearan air dòigh.  Mus d’ fhalbh Mairead a bhruidhinn ri BS6 is 7 rinn i fhèin agus ceannard na sgoile, Alasdair MacNeacail, planaichean ’son rud beag Gàidhlig aig toiseach nan clasaichean gus an cluinneadh iad gu nàdurra i. Cha tuirt Alasdair guth ris a’ chloinn is mar sin thàinig a’ Ghàidhlig à speur gorm dhaibh – ach nach iad a rinn gu math!

Cha tug iad fada idir a’ freagairt nan ceistean sa Ghàidhlig agus an cànan a’ cleachdadh. Thuirt an ceannard an dèidh làimh “Bidh rudan mar seo a’ toirt misneachd don chloinn agus a’ sealltainn dhaibh gu bheil Gàidhlig san dùthaich taobh a-muigh na sgoile.”

Mairead

Mairead.Mackechnie@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s