WordPress ri fhaighinn sa Ghàidhlig! #gaidhlig #gaelic


Ma bhios tu a’ cleachdadh blog na Pàrlamaid gu tric, chì thu gu bheil barrachd teacs Gàidhlig a’ nochdadh air a’ bhlog. 

Gu ruige seo, tha a’ Bheurla air a bhith mar chànan eadar-aghaidh (interface) airson Blog Pàrlamaid na h-Alba agus ged a bha teacs a’ bhlog fhèin sa Ghàidhlig, bha an teacs fèin-obrachail (automatic) uile anns a’ Bheurla.

Tha an teacs fèin-obrachail sa Ghàidhlig a-nis

Tha seo air atharrachadh bho chionn ghoirid oir tha am bathair-bog blogaidh WordPress.com  ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis! Tha seo a’ ciallachadh gu bheil an teacs fèin-obrachail a-nis sa Ghàidhlig cuideachd. Is e Michael Bauer a rinn a’ mhòr-chuid den obair chruaidh seo.

Chan eil an t-eadar-theangachadh deiseil fhathast ach tha mun dàrna leth dèante is air a dhol beò is mar sin, tha barrachd Gàidhlig ri tighinn. 

le deagh dhùrachd,

Alasdair