Òigridh à Inbhir Nis sa Phàrlamaid! #gaidhlig #gaelic


Na bu thràithe air a’ mhìos seo, thàinig sgiobaidhean à air feadh na Pàrlamaid ri chèile airson obrachadh còmhla ri triùir òigridh à Inbhir Nis a thàinig don Phàrlamaid le luchd-obrach Fòram Cloinne na Gàidhealtachd.  

Mar phàirt de dhuais a bhuannaich iad ann an co-fhrapais naidheachdais a aig co-labhairt ‘Get the Picture’ sa Phàrlamaid an-uiridh, fhuair a’ bhuidhinn trèanadh anns na meadhanan agus cothrom obair na Pàrlamaid fhaicinn bhon taobh a-staigh.

Dh’obraich iad leis an Sgioba Craolaidh againn cuideachd gus film goirid smaoineachail a dhèanamh gus cur an aghaidh stiogma is claon-bhreith a thaobh ciorraim (disability). Chleachd Rebecca NicNeacail, Greame Colgan agus Laurie Chattington na dh’fhiosraich iad gu pearsanta gus teachdaireachd deimhinneach (positive) a chur an cèill gus beachdan dhaoine atharrachadh.  Tha iad an dùil goireas foghlaim a chruthachadh a ghabhas cleachdadh le diofar bhuidhnean gus sealladh ùr a thoirt seachad air daoine air a bheil ciorram.

Thairis air dà latha, bha cothrom aca obair na Pàrlamaid fhaicinn bhon taobh a-staigh gus an robh tuigse glè mhath aca air obair nan sgiobaidhean Craolaidh is Meadhanan. Às dèidh dhaibh crìoch a chur air an fhilmeadh, dh’obraich iad le luchd-naidheachd air fios naidheachd. A bharrachd air sin, choinnich na BPA Fearghas Ewing, Màiri Ní Sganláin, Rhoda Ghrannd agus Dàibhidh MacThòmais riutha gus bruidhinn mu na planaichean aca airson an fhilm. Anns an fhilm, tha Laurie a’ cur an cèill:

“I’ve learnt through personal experience, it is one thing to think or say, ‘I am disabled’ – this given label is just a too limiting and a very restricting identification . . . but it is true to say, ‘I have a disability’ which then identifies just that single aspect of my whole life situation.”

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an fhilm chrìochnaichte fhaicinn!

Cluinnear agallamhan a chaidh a dhèanamh leis an òigridh a ghabh pàirt ann air Soundcloud na Pàrlamaid.

Frances Paulo

Seirbheisean Foghlaim is Com-pàrtachasan Coimhearsnachd

frances.paulo@scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh)