Am Plana Gàidhlig againn #gaidhlig #gaelic


Thug mi seachad òraid Diciadain sa chaidh airson sreath òraidean Soillse ann an Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

Chòrd e rium glè mhath a dhol ann agus coinneachadh ris na h-oileanaich is luchd-obrach a bha an làthair. Bha iad air iarraidh orm bruidhinn mu dheidhinn Plana Gàidhlig na Pàrlamaid agus mun phlana ùr a tha gu bhith againn (tha am plana làthaireach againn a’ ruith don Chèitean 2013 agus feumaidh Bòrd na Gàidhlig plana ùr aontachadh roimhe sin). Bha tòrr cheistean is bheachdan feumail ann aig an deireadh.

Postaidh sinn barrachd fiosrachaidh don bhlog seo mun Phlana ùr agus mun obair againn air, gu sònraichte mun obair cho-chomhairleachaidh, fhad’s a tha an obair a’ dol air adhart.

Ma tha a’ bhuidheann agad airson ’s gun tig cuideigin bhon Phàrlamaid airson bruidhinn ruibh, na bi leisg fios a chur thugainn. An turas seo bha mi a’ bruidhinn mun Ghàidhlig anns a’ Phàrlamaid ach is urrainn dhuinn taisbeanaidhean a dhèanamh air rud sam bith co-cheangailte ris a’ Phàrlamaid. (m.e. siostam nan athchuingean, a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ Phàrlamaid 7c). Faodaidh tu tighinn thugainn airson tursan treòraichte cuideachd.

Alasdair