Dèan Ceangal! Pròiseact foghlam òigridh sa Phàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an ath sheisean de thrèanadh Connect! ann am Pàrlamaid na h-Alba Diluain 26 Màrt. Is e bùth-obrach aon latha a tha seo a tha ag amas air sgilean agus misneachd a thoirt do dh’òigridh gus na seiseanan eadar-ghnìomhach (interactive) aca fhèin mun Phàrlamaid a chur ri chèile.

 

Seisean Connect! an Dùn Dè

Seisean Connect! an Dùn Dè

 

Bidh sinn a’ cur fàilte air oidean a tha nam Ball de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba agus air oidean aig YMCS Coatbridge agus Dùn Èideann Pentlands cho math ri òigridh eile à Gleann Iucha, Glaschu is eile. Tha sinn glè thoilichte a bhith ag obair le buidheann cho measgaichte.

Thèid sgilean agus beachdan ionnsachadh don òigridh a bhios an làthair gus an cruthaich iad na seiseanan aca fhèin airson a thoirt seachad gu buidhnean ionadail ann an Cille Bhrìghde an Ear sa Chèitean. Bidh na seiseanan seo ceangailte ris an taisbeanadh Sgeulachdan Siubhlach aig Pàrlamaid na h-Alba agus bidh cothrom aig a h-uile duine a ghabhas pàirt bruidhinn air cuspairean a tha cudromach dhaibh.

Bheir Marie agus Katherine aig Pàrlamaid Òigridh na h-Alba trèanadh seachad còmhla ri Frances aig Sgioba Foghlaim na Pàrlamaid.  Bidh Zoe Nisbet aig Comhairle Schd Rinn Friù an Ear ann cuideachd gus agallamhan a dhèanamh airson prògram rèidio uair a thìde a bhios i a’ craoladh air rèidio coimhearsnachd gus na seiseanan Connect! a bhrosnachadh.

Ma tha thu ag iarraidh pàirt a ghabhail! ann an seisean Connect! ann an Leabharlann Chille Bhrìghde an Ear, cur fios gu Frances. Bhiodh i toilichte seo a chur air dòigh leis a’ bhuidhinn agad.

Tha sinn cuideachd ag iarraidh air daoine òga ceisteachan air-loidhne goirid a lìonadh gus ar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh e-ghoireas mar phàirt de phròiseact Connect!

Frances Paulo, Oifigear Stuthan Foghlaim 

frances.paulo@scottish.parliament.uk