Gnothaichean san t-Seòmar Diciadain #gaidhlig #gaelic


San t-seòmar an-diugh bidh aithris mhinistreil ann air amannan feitheimh ann an NHS Lodainn, air a leantainn le deasbad air aithisg Comataidh Eòrpa is Dàimhean Taobh a-muigh air Prìomhachasan Pàrlamaid na h-Alba a thaobh an Aonaidh Eòrpaich ann an 2012.

 

Brataichean an Aonaidh Eòrpaich

 

Air a’ chlàr cuideachd, tha deasbad aig Riaghaltas na h-Alba air ath-leasachadh sochairean taigheadais.

Barrachd fiosrachaidh

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk