Càite bheil thu? #gaidhlig #gaelic


Tha WordPress a-nis a’ sealltainn dhut dè an dùthaich anns a bheil an luchd-leughaidh agad. Seo liosta de na dùthchannan anns a bheil luchd-leughaidh a’ bhlog againn a’ fuireach.

(Ainmean dùthcha bhon Fhaclair Bheag)

Carson nach leig thu fios thugainn dè am baile às a bheil thu a’ leughadh a’ bhlog againn? Chan eil e gu dìofar an e Tobar na Màthar no Tierra del Fuego a th’ ann – bu mhath leinn cluinntinn bhuat!

Agus aig an aon àm, bhiodh e fìor mhath beachd sam bith agad air a’ bhlog a chluinntinn – dè tha a’ còrdadh riut, dè nach eil, ciamar a ghabhas a leasachadh 7c – chuireamaid fàilte air ais-eòlas (feedback) sam bith .

Faodaidh tu na bheachdan agad fhàgail air a’ phost seo.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

8 thoughts on “Càite bheil thu? #gaidhlig #gaelic

    • Tha thu ceart Iain. Gu mì-fhortanach, cha bhi WordPress a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar na dùthchannan taobh a-staigh na RA. Bhiodh am fiosrachadh sin gu math feumail.

  1. Fhuair sinn post-d bho Dhaibhidh Rothach:

    ‘S mise Daibhidh Rothach, agus bidh mi a’ leughadh Blog na Pàrlamaid
    bho Almere, An Tìr Iseal.

    Dùrachdan,
    Daibhidh Rothach

    Mòran taing a Dhaibhidh!

  2. Tha mi a’ faicinn a-nis gu bheil daoine anns na dùthchannan seo air air blog a leughadh a-nis:

    An Argantain
    An Fhraing
    Nirribhidh
    A’ Bheilg
    Singeapòr
    An Ucràin
    Indonìsia

    Ma tha thu a’ leughadh a’ bhlog thall thairis, bhiodh e inntinneach cluinntinn carson a tha ùidh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dè seòrsa rud a bu mhath leibh leughadh air a’ bhlog seo.

    Alasdair

  3. Uill, tha mise ga leughadh an seo ann an Cnoc a’ Chonaisg, Àird a’ Bhàsair, Slèite san Eilean Sgitheanach. Coma ’s gu bheil sinn air mapa na RA – chan eil a’ Ghàidhealtachd idir ann an Alba co-dhiù!

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s