Lorg-suaicheantais (mace) na Pàrlamaid #gàidhlig #gaelic


Tha sinn air postair ùr a dhèanamh airson ionad foghlaim na Pàrlamaid le dealbh air de lorg-shuaicheantais (mace) na Pàrlamaid.

Tha lorg-shuaicheantais na Pàrlamaid ann an Seòmar na Pàrlamaid air beulaibh cathair an Oifigeir Riaghlaidh. Chaidh a toirt don Phàrlamaid mar tiodhlac leis a’ Bhanrigh aig fosgladh oifigeil na Pàrlamaid, 1 Iuchar 1999.

Tha an lorg-shuaicheantais air a dèanamh à airgid agus tha fàinne-phòsta òir mar phàirt dhith. Tha am bann òir seo ann gus am pòsadh eadar muinntir na h-Alba agus a’ Phàrlamaid a chomharrachadh. 

Sgrìobhte air ceann na luirg, tha “There shall be a Scottish Parliament – Scotland Act 1998” (Bidh Pàrlamaid na h-Alba ann – Achd na h-Alba 1998).

Tha na faclan “Wisdom, Justice, Compassion, Integrity” (gliocas, ceartas, iochd, ionracas) snaighte air ceann na luirg oir is iad na feartan a tha muinntir na h-Alba ag iarraidh a bhith aig na BPA aca.

Chaidh a dealbhadh le Mìcheal Lloyd, ceàrd-airgid cliùiteach ann an Caisteal Dhùghlais.  Thàinig an t-airgead agus an t-òr uile à Alba.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk