Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo #gaidhlig #gaelic


Diciadain 14 Màrt 2012

Tòisichidh gnothaichean Diciadain aig 1:30f le Àm Cnuasachaidh air a stiùireadh le Ms Esther Wanjohi aig Pròiseact HIV nam Ban ann an Ngong, Nairobi, Ceinia.

Thèid deasbad ìre 1 a chumail air Bile Deoch-làidir (Prìs as ìsle) Alba.

 

Bile Deoch-làidir (Prìsean as Ìsle) Alba

 

Thèid deasbad a chumail air Bile Clàradh Talmhainn 7c (Alba) .

Às dèidh Àm Co-dhùnaidh aig 5f, bidh Gnothaichean Bhall ann, air a stiùireadh le followed by Sandra White air a’ chuspair – S4M-01999 Commonwealth Week 2012.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic an Iris Ghnothaichean (Beurla).

Diardaoin 15 Màrt 2012

Tòisichidh gnothaichean Diardaoin aig 9.15f.

Thèid deasbad aig Libearalaich Dheamocratach na h-Alba a chumail air Cuirm Cloinne airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-02338 ann an Earrann F)

Thèid deasbad aig Libearalaich Dheamocratach na h-Alba a chumail (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-02337 ann an Earrann F)

11.40 m  Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 8 Màrt 2012)

12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 13 Màrt 2012)

2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Ionmhas, Fastadh agus Fàs-seasmhach (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann D den Iri Ghnothaichean airson Diardaoin 8 Màrt 2012)

2.55 f Deasbad Ìre 1: Bile Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (airson teacs a’ ghuasaid, faic S4M-02332 ann an Earrann F)

Air a leanntainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Òrdugh Atharrachaidh Ionmhais Riaghaltas Ionadail (Alba) 2012 [dreach] (airson teacs a’ Ghluasaid, faic S4M-02336 ann an Earrann F)

5.00 f Àm Co-dhùnaidh

Air a leanntainn le Gnothaichean Bhall– S4M-01586 Marc MacDhòmhnaill: Ag atharrachadh an latha pàighidh anns an Fhaoilleach (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 12 Màrt 2012)

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk