Annie Lennox anns a’ Phàrlamaid an-diugh airson Latha a’ Cho-fhlaitheis #gaidhlig #gaelic


Tillidh Annie Lennox don Phàrlamaid an-diugh mar phàirt de thachartasan Latha a’ Cho-fhlaitheis (Commonwealth Day). Bidh Ms Lennox a’ toirt òraid seachad mu AIDS, mu Phlana na Cruinne airson HIV agus mu na targaidean ùra aig UNAIDS a tha ag amas gu sònraichte air bacadh a chur air tar-chur HIV bho mhàthair gu leanabh.

Annie Lennox

Annie Lennox

Bidh Ms Lennox a’ bruidhinn mar Riochdaire Sònraichte Comann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis (CPA), meur na h-Alba. Nas tràithe air an latha, goirid às dèidh 5f, bidh Deasbad Bhall (Members’ Business) ann mu latha a’ Cho-fhlaitheis.

Is e cuspair Latha a’ Cho-fhlaitheis 2012 ” A’ Ceangal Chultairean”.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk