Clas 7 a’ suidheachadh prìomhachasan airson na h-Alba #gaidhlig #gaelic


Chùm sgioba foghlaim Pàrlamaid na h-Alba ochd seiseanan le còrr is 200 sgoilear ann an Clas 7 aig na bun-sgoiltean co-cheangailte ri Àrd-sgoil nam Pùballan anns na Crìochan Diciadain.

Soidhne Àrd-sgoil nam Pùballan

Chaidh na sgoilearan a chur ann an comataidhean agus rinn iad argamaidean airson sia diofar phròiseactan a dh’fhaodadh a bhith ann do dh’Alba, a’ coimhead air na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith ann airson foghlam, slaite, àrainneachd agus airson na coimhearsnachd ann an Alba.

Rinn gach buidheann òraid a’ moladh a’ phròiseict don chlas aca, ach ged a bha na pròiseactan uile math, bha aca ri aithneachadh nach eil airgead gu leòr aig a’ Phàrlamaid gus a h-uile rud a bhiodh feumail a dhèanamh. Bha gach pròiseact a’ cosg £10M ach cha robh airgead gu leòr ann ach airson trì pròiseactan. Bha cothrom an uair sin aig na sgoilearan a bhòtadh airson nan trì prìomhachasan as motha a bh’ aca.

An uair sin, choimhead na sgoilearan air gluasad èiginneach (emergency motion) air cion-cosnaidh òigridh agus chunnaic iad mar a bhios aig a’ Phàrlamaid ri co-dhùnaidhean luath a dhèanamh agus mar as urrainn do phrìomhachasan na Pàrlamaid atharrachadh a rèir na bhios a’ tachairt san dùthaich. Bha gach clas an uair sin den bheachd gun robh cion-cosnaidh òigridh na bu chudromaich na na prìomhachasan a bha iad air taghadh na bu thràithe.

Faodar seiseanan sònraichte mar seo a chur dòigh ann an sgoiltean eile, a bharrachd air na seiseanan àbhaisteach a tha sinn a’ cur air dòigh anns na ceudan de sgoiltean air feadh na h-Alba anns an 8 bliadhna mu dheireadh, a’ gabhail a-steach seiseanan sa Ghàidhlig.

Gheibhear barrachd fiosrachadh mu Sheiseanan Foghlam Taobh a-Muigh an seo.

Agus ma tha ceist sam bith agad, faodar post-d a chur thugainn aig:  Outreach.Education@scottish.parliament.uk

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk