Caraid à Malàbhaidh a’ cèilidh oirnn #gaidhlig #gaelic


Tha ceanglaichean làidir ann eadar Pàrlamaid na h-Alba is Malàbhaidh (Malawi).

Bratach Malàbhaidh

Bratach Malàbhaidh

An-uiridh anns an t-seisean mu dheireadh den Phàrlamaid, mar eisimpleir, thadhal Annie Lennox, Tosgaire Sònraichte Meur Alba Buidheann Phàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis, an seann Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFheargais BPA agus ceathrar BPA eile air an dùthaich.

Air a’ mhios seo, tha caraid à Malàbhaidh a’ tadhail oirnn – Harvey Chigumula a tha ag obair aig Pàrlamaid Mhalàbhaidh ann an Lilongwe, prìomh bhaile na dùthcha.

Seanadh Nàiseanta Mhalàbhaidh

Tha Harvey a’ cur seachad beagan sheachdainean anns a’ Phàrlamaid gus an urrainn dha ionnsachadh mu obair Pàrlamaid na h-Alba agus gus an urrainn dhuinne ionnsachadh bho Phàrlamaid Malàbhaidh.

Tha Harvey os cionn Roinn Protocol na Pàrlamaid agus tha e an sàs ann an tòrr mòr obair eadar-dhealaichte a’ gabhail a-steach obair leis na BP agus leis a’ phoball mar tursan don Phàrlamaid agus don t-seòmar.

Mapa: Malàbhaidh agus taobh deas Afraga

(Taing don Fhaclair Bheag son ainmean nan dùthchannan Afraganach) Alasdairgaidhlig@scottish.parliament