Bith-iomadachd ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig #gaelic


Ann am Pàrlamaid na h-Alba tha prògram againn air a bheil RACE – Real Action on Carbon Emissions.

Is e amas RACE a bhith a’ luchdachadh lorg carboin (carbon footprint) na Pàrlamaid. Nì sinn seo tro bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh agus a’ cumail tachartasan taobh a-staigh na Pàrlamaid.

Tha a’ Phàrlamaid ag obair còmhla ri Gàrraidhean Luibheanach Rìoghail (Royal Botanic Gardens) Dhùn Èideann air pròiseact gus flùraichean fiadhaich a chur ann an gàradh na Pàrlamaid agus ann an gàraidhean an luchd-obrach, a’ cleachdadh sìol a chruinnich na Gàrraidhean Luibheanach air Suidhe Artair le cead sònraichte.

Thàinig an sìol aig deireadh a’ Ghearrain agus tha luchd-obrach na Pàrlamaid gan cur aig an àm seo. Nuair a tha na flùraichean air fàs, bidh sinn a’ cumail seisean gus na flùraichean a chur ann an gàrraidhean na  Pàrlamaid gus cur ris a’ bhith-iomadachd (bio-diversity).

Cuiridh sinn barrachd dealbhan suas air a’ bhlog seo fhad’s a tha am pròiseact a’ dol air adhart.

Seo na seòrsa fhlùraichean a fhuair sinn bho na Gàrraidhean Luibheanach:

Coirean-bàn Silene latifolia White Campion
Coirean-coilich  Silene dioica Red Campion
Lus nam ban-sìth Digitalis purpurea Foxglove
Lus na nathrach Echium vulgare Viper’s Bugloss

 

Faodar leughadh mun àrainneachd ann an toglaichean is obair Pàrlamaid na h-Alba agus air mar a tha sinn a’ lughdachadh lorg carboin na buidhne air ar làrach-lin. Tha Aithisg Bhliadhnail Àrainneachd na Pàrlamaid 2010-11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Bith-iomadachd ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig #gaelic

Tha na beachdan dùinte.