Uisge-beatha ann am Pàrlamaid na h-Alba! #gaidhlig #gaelic


Fosglaidh taisbeanadh a tha a’ coimhead air eachdraidh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain. 

Tha “Uisge-beatha na h-Alba: Bho Ghràin gu Glainne” na phàirt de ghrunn thachartasan a tha fa-near do Chomann Uisge-beatha na h-Alba gus an ceud bliadhna aca a chomharrachadh. Fosglaidh e ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid san t-Samhain.

 

Trèana ann an Taigh-stàile

Loco smùid ann an Taigh-staile

 

Ag ainmeachadh an taisbeanaidh, thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Tricia Marwick BPA: “Is fhada o chaidh aithne a thoirt dha cho cudromach ’s a tha gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba, gu sònraichte do sgìrean dùthchail na h-Alba, agus tha Pàrlamaid na h-Alba air-leth toilichte aoigheachd a thoirt don taisbeanadh seo, ann an com-pàirt le Comann Uisge-beatha na h-Alba, gus an ceann-bliadhna seo a chomharrachadh. 

“Bheir an taisbeanadh còmhla innealan a’ ghnìomhachais, an obair ealain, agus mapaichean taighean-grùdaidh na h-Alba gus sealltainn mar a thàinig Uisge-beatha na h-Alba gu bhith na ìomhaigh nàiseanta. 

“Tha uisge-beatha gu cinnteach na phàirt mhòr de cho soirbheachail ’s a tha ar gnìomhachasan cultarail is malairteach thall thairis agus tha mi cinnteach gun tàladh an taisbeanadh dealbhach seo mòran luchd-turais gu Taigh an Ròid.” 

 

Taigh-stàile Strathisla, Baile Chè

Taigh-staile Strathisla, Baile Chè

 

Fosglaidh an taisbeanadh air 29 Samhain 2012 agus leanaidh e gu 25 Faoilleach 2013.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk