Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo


Diciadain 29 Gearran 2012

Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar an-diugh aig 2.30f. Am measg gnothaichean an latha an-diugh, bidh:

  • Àm Cnuasachaidh leis an Dr Urr Iain Wills, Àrd- aoghaire, Eaglais an Nàsaraich, Glaschu
  • Aithris Mhinistreil air Locarbaidh
  • Aithris Mhinistreil air Ath-leasachadh Post-16
  • Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Malairt Dhaoine (Tràilleachd)
  • Ghnothaichean Bhall – S4M-01654 Iain Gray: A’ Dìon Cothrom air Ceartas air feadh na h-Alba

Chithear an clàr-ghnothaich air fad san Iris Ghnothaichean.

Diardaoin 1 Màrt 2012

Tòisichidh gnothaichean Diardaoin aig 9.30.

  • 9.30 m Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ceartas Cliomaid (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-02156 ann an Earrann F)
  • 11.40 m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs a’ Ghluasaid, faic Earann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 23 Gearran 2012)
  • 12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 28 Gearran 2012)
  • 2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil
  • Bun-structar is Tasgadh Calpa;
  • Cultar is Cùisean Taobh a-muigh (Airson teacs nan Ceistean Coitcheann, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 23 Gearran 2012)
  • 2.55 f Deasbad Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-Bheothachadh:  Tuarastal Cothromach ann an Alba
  • 5.00 f Àm Co-dhùnaidh
  • Air a leantainn le Gnothaichean Bhall– S4M-01745 Sandra White: Gearraidhean Obrach ann am BBC Alba (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 27 Gearran 2012)

Gheibhear an Iris Ghnothaichean air loidhne.

 

Le deagh dhùrachd,

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk