Lean naidheachdan na Pàrlamaid tro RSS #gaidhlig #gaelic


Faodar naidheachdan na Pàrlamaid a leantainn sa Ghàidhlig a-nis tro RSS (Really Simple Syndication).
 
RSS

RSS

Is e deagh dhòigh a tha seo gus faighinn a-mach a bheil naidheachd sam bith as ùr ann mun Phàrlamaid gun a bhith a’ toirt sùil air an làraich-lìn againn uair is uair.

Faodar fo-sgrìobhadh aig:

http://www.scottish.parliament.uk/gd/newsandmediacentre/47562.xml

Na diochuimhnich cuideachd gum faodar fo-sgrìobhadh don bhlog seo cuideachd tro RSS.

Tha barrachd fiosrachaidh air dè a th’ ann an RSS agus mar a chleachdas tu e ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk