Lean naidheachdan na Pàrlamaid tron Ghàidhlig air an làraich againn #gaidhlig #gaelic


Ma tha thu airson naidheachd na Pàrlamaid a leantainn tron Ghàidhlig, cum sùil air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Air duilleagan na Gàidhlig, gheibh thu fiosan naidheachd agus criomagan naidheachd eile mu na tha dol ann an gnothaichean na Pàrlamaid agus mu chothroman gus pàirt a ghabhail sa Phàrlamaid.

 

Duilleag nan criomagan naidheachd

 

Mar as trice, bidh na fiosan naidheachd agus criomagan naidheachd air fad rim faighinn sa Ghàidhlig.

 

Duilleag nam fiosan naidheachd

 

Tha dail air a bhith ann le postadh nam fiosan naidheachd bho chionn goirid ach tha seo a-nis air a chàradh.

Tha sinn ag obair gus RSS a chur air dòigh cuideachd airson naidheachdan na Pàrlamaid anns a’ Ghàidhlig cuideachd. Nuair a bhios seo againn, postaidh sinn fios don bhlog.

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliamlent.uk

Alasdair