Dè an obair a th’ agad (1) – an aithisg oifigeil #gaidhlig #gaelic


Anns na beagan mhìosan, tha sinn gu bhith a’ coimhead air an obair aig diofar dhaoine a tha ag obair anns a’ Phàrlamaid.

An-diugh, tha sinn a’ bruidhinn ri Andaidh Philip a tha ag obair anns an Aithisg Oifigeil. Anns an agallamh ghoirid seo, tha e a’ mìneachadh na h-obrach aige.

A bheil Gàidhlig agad?

Tha. Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh ann an 2000 nuair a thòisich mi a dh’obair ann an aithisg oifigeil na Pàrlamaid.

Dè an obair a th’ agad?

’S e fear-aithisg oifigeil a th’annam.

Innse dhuinn rud beag mun aithisg oifigeil agus mun obair agad.

Bidh an sgioba againn a’ dèanamh tar-sgrìobhaidhean (transcription) “substantially verbatim” de na coinneamhan comataidh agus de na deasbadan a bhios a’ tachairt anns an t-seòmar. Gheibh thu na tar-sgrìobhaidhean sin air làrach-lìn na Pàrlamaid agus ann an clò na tar-sgrìobhaidhean.

A chionn ’s nach bi daoine daonnan a’ bruidhinn ann an seantansan, cha bhi sinn a’ sgrìobhadh a h-uile càil dìreach mar a chaidh a ràdh. Mar eisimpleir, bidh sinn a’ cur às ath-nochdaidhean (repetition), a’ ceartachadh mearachdan gràmair agus mar sin air adhart ach feumaidh sinn blas an neach-labhairt a chumail. Airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn, faic an duilleag seo: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/14906.aspx

Carson a tha an aithisg oifigeil cudromach?

Tha i na h-iris ùghdarrasail air a h-uile càil a thachras agus a thèid a ràdh ann an gnothach na Phàrlamaid. Bidh na buill Pàrlamaid ga cleachdadh gu tric gus na ministearan a chumail cunntachail.

A bharrachd air sin, nam bhiodh connspaid laghail ann mu na tha achd pàrlamaideach a’ ciallachadh, feumaidh tu coimhead air an aithisg oifigeil airson faicinn dè dìreach a thuirt am ministear mu dheidhinn nuair a chaidh am bile tron Phàrlamaid agus feumaidh tu sin cleachdadh mar fhianais.

Mar sin, tha e uabhasach cudromach gum bi an aithisg cho ceart sa ghabhas!

Dè tha a’ còrdadh riut mun obair?

Uill, ’s e “language nut” a th’ annam agus, mar sin, tha mi air leth toilichte a bhith ag obair air cànan is faclan fad an latha!

An-dràsta, is mise an aon duine san aithisg oifigeil a tha comasach air obair anns a’ Ghàidhlig. Mar sin, nuair a thèid Gaidhlig a bruidhinn ann an coinneamh foirmeil den Phàrlamaid, nì mi fhìn deasachadh air an tar-sgrìobhadh Gàidhlig, le taic bho na h-oifigearan Gàidhlig againn. Tha tòrr spòrs ann!

Tapadh leat Andaidh!

gaidhlig@scottish.parliament.uk