Cumhachd ath-nuadhachail – dè do bheachd?


Tha a’ Phàrlamaid a’ cumail obair cho-chomhairleachaidh air cumhachd ath-nuadhachail an-dràsta. Ma tha beachd sam bith agad, nach cuir thu do bheachdan a-steach.

Tha am fios naidheachd air fad mun cho-chomhairle ri fhaicinn gu h-ìosal.

Tha fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

AMASAN MU CHUMACHD ATH-ÙRACHAIDH MAR CHUSPAIR DO RANNSACHADH LE COMATAIDH

Thèid an ìre de na h-amasan aig Riaghaltas na h-Alba mu lùth ath-ùrachaidh aig Riaghaltas na h-Alba a sgrùdadh le Comataidh Eaconomachd, Lùtha agus Turasachd aig Pàrlamaid na h-Alba, a chuir a-mach gairm airson fianaise an-diugh.

 

Thèid na dùbhlain a thaobh teicneòlais, bun-structair agus ionmhais gus na h-amasan ann an Slighe air Adhart Riaghaltas na h-Alba mu Lùth Ath-ùrachaidh gu 2020 a dheasbad leis a’ chomataidh ann an sreath de sheiseanan-fianaise. Ri linn nan seiseanan seo, nì a’ chomataidh sgrùdadh air buannachdan nan amasan, cho math ris na cunnartan is na bacaidhean air toirt nan amasan seo gu buil.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA:

“Bheir an rannsachadh seo sùil chruaidh is fhìrinneach feuch an gabh amasan Riaghaltas na h-Alba toirt a-mach. Ged nach eil ceist sam bith ann mu na goireasan a tha aig Alba mu lùth ath-ùrachaidh, tha naidheachdan a nochd o chionn ghoirid mu chò-dhùnaidhean ann an dealbhachadh agus aithisgean a chuir teagamh ann an ceistean mu eòlas is mu thasgadh air an fheum sinn beachd a ghabhail.

“A bharrachd air a’ chonnspaid seo, tha deasbad làidir fhathast a’ dol mu theicneòlas ath-ùrachaidh sònraichte, agus air suidheachadh nan leasachaidhean mar thuathanasan-gaoithe is ionadan biomass.

“Le beachdan cho làidir ann, tha sinn an dùil gun tèid ùidh mhòr a ghabhail anns an rannsachadh, rud air an cuir sinn fàilte. Tha e nar n-amas cluinntinn bho raon cho farsaing is a ghabhas agus bidh sinn ag iarraidh daingneachadh fhaotainn gun gabh ceistean mu chosgais, eòlais is mu dhealbhachadh sàrachadh.”

Am measg nan ceist as motha air an tèid beachd a ghabhail ri linn an rannsachaidh, tha:

  • A bheil cothrom air an teicneòlas gus na h-amasan a thoirt a-mach agus an ruigear air a thaobh cosgais?

 

  • A bheil na h-oilthighean is na h-ionadan-rannsachaidh againn uidheamaichte gus na feumalachdan mu leasachadh teicneòlach a thoirt a-mach?

 

  • Ciamar a ghabhas tàbhachdan nàiseanta cur air an aon rèir ri ceistean ionadail?

 

  • A bheil sinn cinnteach gun gabh am bun-structair a tha a dhìth leasachadh agus maoineachadh gus am faod Alba gineadh-dealain a bharrachd a reic ris a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte?

 

  • Dè a’ bhuaidh a bhios ann air na tha luchd-caitheimh a’ pàigheadh?

 

  • Am bi maoin gu leòr ann gus sgrùdadh a dhèanamh air an dà chuid cur a-steach is leasachadh an teicneòlais iomchaidh?

 

  • Am bi gu leòr de sgilean dùthchasach aig Alba gus tasgadh air an taobh a-staigh a thàladh?

 

  • A bheil an leasachadh air margadh an lùtha agus rèim nan tabhartasan san Rìoghachd Aonaichte is ann an Aonadh na h-Eòrpa le chèile gu leòr gus dùbhlan nan amasan mu ath-ùrachadh aig Riaghaltas na h-Alba a thoirt a-mach?

Cùl-cinn

Chùm a’ Chomataidh deasbad cruinn 7 Dùbhlachd 2011 gus farsaingeachd an rannsachaidh a sgrùdadh. Gheibhear fiosrachadh slàn aig:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/28862.aspx?r=6615&mode=pdf

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 29 Gearran 2012.

Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu: renewablesinquiry@scottish.parliament.uk

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:

Comataidh Eaconomaidh, Lùtha is Turasachd

TG.01

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann EH99 1SP

Air Diardaoin 19 Faoilleach, chuir Riaghaltas na h-Alba cead-dealbhachaidh an cèill airson a’ cheanglaicheir eadar Alba is Sasainn a nì e comasach leasachaidhean ùra ann an lùth ath-ùrachaidh a cheangal ris a’ chliath. Bheir an rannsachadh sùil shònraichte air seo.

Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:

Linda Smith: 0131 348 6269  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: linda.smith@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh sònraichte fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:

Joanna Hardy 0131 348 5230   Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathtePost-dealain: joanna.hardy@scottish.parliament.uk