Ainmean-àite na h-Alba: a’ cur Gàidhlig air a’ mhapa #gaidhlig #gaelic


Tha seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air a riochdachadh air a’ bhuidhinn nàiseanta air ainmean-àite Ghàidhlig: Ainmean-àite na h-Alba.

Bha Marc aig coinneamh den bhuidhinn ann an Inbhir Nis na bu thràithe air a’ mhìos seo.

Am measg nan rudan eile a tha AÀA ris an-dràsta, tha iad a’ cur mapa ri chèile air Flickr de shoidhnichean Gàidhlig /dà-chànanach anns a bheil ainmean-àite air feadh na h-Alba.

Mapa AÀA air flickr

Mapa AÀA air flickr

Ma tha camara no fòn-camara agad, faodaidh tu fhèin cuideachadh le seo – fiù’s mur eil thu air flickr – faodaidh tu barrachd a leughadh air blog AÀA.

Agus tha blog na Pàrlamaid daonnan a’ lorg dealbhan co-cheangailte ri Gàidhlig no a’ Phàrlamaid airson cleachdadh air a’ bhog seo ma tha dad inntinneach agad. Mar eisimpleir, an do thog thu dealbh den togalach, an do thog thu dealbh taobh a-staigh na Pàrlamaid no a bheil dealbh agad den bhuidheann agad anns a’ Phàrlamaid? Eil dealbh de shoidhne no rudeigin sa Ghàidhlig sa bhaile agad?

Faodar dealbhan no ceanglaichean a chur gu no:

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Bidh a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh tòrr ainmean-àite ann an gnothaichean na Pàrlamaid, air bileagan is an làrach-lìn is eile. Gu tric, bidh AÀA gar cuideachadh le bhith faighinn tionndadh Gàidhlig de dh’ainmean-àite. Tha sinn an dòchas gum bi Jake King às an AÀA a’ sgrìobhadh blog dhuinn a’ coimhead air a’ phròiseas a bhith a’ rannsachadh ainm-àite.

Alasdair