Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo #gaidhlig #gaelic


Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar Diciadain aig 2.30f le Àm Cnuasachaidh. Am measg gnothaichean an latha, bidh:

  • Aithris Mhinistreil air Aithisgean Riaghlaidh Foghlaim Àrd-ìre is Adhartaich
  • Deasbad Riaghaltas na h-Alba air Bliadhna Alba Chruthachail 2012
  • Cur-an-dreuchd  Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba
  • Gnothaichean Bhall aig Cailean Keir BPA air Leabharlann is Ionad Coimhearsnachd Drum Brae
Sabhal Mòr Ostaig: Colaiste foghlaim àrd-ìre is adhartach
Sabhal Mòr Ostaig: Colaiste foghlaim àrd-ìre is adhartach

Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar Diardaoin aig 9.15m. Am measg gnothaichean an latha, bidh:

  • Deasbad Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba – Maoineachadh Cholaistean  (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01876 ann an Earrann F)
  • Deasbad Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba – Comataidhean Tadhail Phrìosain (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01878 ann an Earrann F)
  • 11.40 m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan Ceistean Coitcheann, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 26 Faoilleach 2012)
  • 12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear (airson teacs nan Ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 31 Faoilleach 2012)
  • 2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil

o   Ionmhas, Fasdadh agus Fàs Seasmhach (airson teacs nan Ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 26 Faoilleach 2012)

  •  2.55 f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Plana Bun-structair a’ Bhann-leathann airson an ath ghinealaich (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01893 ann an Earrann F)
  • 5.00 f Àm Co-dhùnaidh
  • Gnothaichean Bhall – S4M-01655 Linda Fabiani: Is e còin obrach a th’ ann an còin-taice cuideachd (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann Fden Iris Ghnothaichean airson Diluain 30 Faoilleach 2012)

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk