Seiseanan Gàidhlig gu leòr sa Phàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Tha tòrr buidhnean Gàidhlig gu bhith a’ cleachdadh seirbheisean Gàidhlig na Pàrlamaid anns na beagan seachdainean is mìosan a tha romhainn.

Bidh sgioba foghlam a-muigh na Pàrlamaid a’ dèanamh seiseanan Gàidhlig ann am Bun-sgoil Ullapuil agus Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Bidh buidheann à Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich a’ tighinn don Phàrlamaid a-màireach airson turas treòraichte agus bidh a’ bhuidheann còmhraidh Gàidhlig Abair Thusa à Peairt is Ceann Rois  a’ tighinn ann air an ath-mhìos airson turas treòraichte.

Bidh barrachd air a’ bhlog seo mu na seiseanan seo, air a sgrìobhadh le daoine a ghabh pàirt annta.

Anns a’ Mhàirt cuideachd, bidh mi a’ bruidhinn ri oileanaich na Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann.

Ma tha thu ag iarraidh seisean foghlaim a chur air dòigh tron Ghàidhlig, faic ar làrach-lìn:

http://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/Education/12270.aspx

Agus ma tha thu airson turas treòraichte a chur air dòigh sa Ghàidhlig, cuir fios gu:

 SP.Bookings@scottish.parliament.uk

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk