Dè bhios a’ tachairt anns an t-Seòmar deasbaid (3) Aithrisean Mhinistreil #gaidhlig


Thug am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA Aithris Mhinistreil (ministerial statement) seachad an-dè air reifreann air neo-eisimeileachd do dh’Alba. Faodar an aithris aige a leughadh anns an Aithisg Oifigeil.

Am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA

Am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA

Ach dè th’ ann an Aithris Mhinistreil?

Tha aithrisean ministreil air an cleachdadh leis a’ Phrìomh Mhinistear agus na ministearan riaghaltais eile a thaobh gnothaichean èiginneach no gus poileasaidhean ainmeachadh.  Faodaidh na h-aithrisean sin a bhith eadar 10 agus 15 mionaidean a dh’fhaid, agus bidh 20 no 30 mionaidean  ann às dèidh sin airson cothroman a thoirt do bhuill ceistean a thogail.

Tha 21 aithris air a bhith san t-seisean seo gu ruige seo.

Seo cuid de na h-aithrisean ministreil a th’ air a bhith ann bho chionn goirid.

  • Co-chomhairle air reifreann air neo-eisimileachd na h-Alba
  • Foisean airson luchd-obrach nan Carabad Èiridinn
  • Loidhne dealain: A’ Mhanachainn – Deanaidh

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk