Anns an Seòmar Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo #gaidhlig #gaelic


Diciadain 25 Faoilleach 2012

Seo na prìomh rudan air a’ chlàr ghnothaich an t-seachdain seo:

1.30 f Àm Cnuasachaidh – An Dr Urr Stiùbhart Gillan, Ministear, Eaglais Naoimh Mhicheil, Gleann Iucha.

 

Gleann Iucha

 

air a leantainn le Aithris Mhinistreil: Co-chomhairle air an Reifreann (referendum)

air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Buidseit (Alba) (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01773 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dihaoine 20 Faoilleach 2012)

5.00 f Àm Co-dhùnaidh

air a leantainn le Gnothaichean Bhall – S4M-01700 Stiùbhart Maxwell: Latha Cuimhneachaidh a’ Holocaust 2012 (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dihaoine 20 Faoilleach 20 January 2012)

Diardaoin 26 Faoilleach 2012

9.15 m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

air a leantainn le Deasbad Pàrtaidh Làbarach na h-Alba:  Còmhdhail Phoblach (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01824 ann an Earrann F)

air a leantainn le Deasbad Pàrtaidh Làbarach na h-Alba: a’ cumail taic ri teaghlaichean (Còmhdhail Phoblach (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01824 ann an Earrann F)

11.40 m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan Ceistean Coitcheann, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean  airson Diardaoin 19 Faoilleach 2012)

12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear

2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Foghlam is Ionnsachadh fad-bheatha (airson teacs nan ceistean, faic see Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 19 Faoilleach 2012)

2.55 f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Claim of Right

5.00 f Àm Co-dhùnaidh

air a leantainn le Gnothaichean Bhall – S4M-01690 Patricia NicFhearghais: Sàbhail Seirbheisean Rèile Ionadail ann an Glaschu (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 16 Faoilleach 2012)

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk