Na mìltean aig taisbeanadh dealbhaidh na Pàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Thadhail còrr is 22,000 neach air taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba, ‘Dealbhadh is Deamocrasaidh’, bho dh’fhosgail e san Dùbhlachd.

Bheir an taisbeanadh cruinn còmhla obair le luchd-ceumnachaidh ùra à ceithir sgoiltean-ealain cliùiteil na h-Alba. Tha na pìosan a chaidh a thaghadh a’ sealltainn mar a dh’fhaodas dealbhadh spreagte an dà chuid cur ri beatha dhaoine agus a bhith cruthachail cuideachd.

Bidh an taisbeanadh ann gu 23 Màrt 2012.

Chithear beagan dealbhan den taisbeanadh agus barrachd fiosrachaidh bhon fhios fhios naidheachd againn gu h-ìosal.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Am measg nam pìosan a rinn an luchd-dealbhaidh san taisbeanadh tha stuth-pasgaidh a ghabhas ithe, innleachd mu shlàinte-inntinne, abacas-beathachaidh, cho math ri dealbhadh-fasain is aistidhean mu thogail dhealbhan-camara.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid Tricia Marwick, BPA: “Tha gun robh sinn airson taisbeanadh a dhèanamh den stuth as fheàrr ann an Alba air fhàgail gu bheil againn taisbeanadh iomfhillte tarraingeach a dhrùidh gu mòr air luchd-tadhail.

“Tha cuspairean an taisbeanaidh – a tha a’ toirt sùil air mar a dh’fhaodas dealbhadh deagh-atharrachadh a thoirt air leithid slàinte, mathas dhaoine, an comann-sòisealta is seasmhachd – a rèir amasan Pàrlamaid na h-Alba.

“Ri linn Bliadhna Alba Chruthachail, tha an taisbeanadh Dealbhadh is Deamocrasaidh a’ sealltainn cho mòr ’s a chuireas ar sgoiltean-ealain ’s ar colaistean ri cliù làidir na h-Alba a thaobh ùr-ghnàthachd agus dealbhadh tuigseach.”

‘S e seo a’ chiad uair a chuireadh taisbeanadh air dòigh le obair à ceithir sgoiltean-ealain na h-Alba còmhla:

Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè

Colaiste Ealain Dhùn Èideann

Sgoil-Ealain Gray’s, Glaschu

Sgoil-Ealain Ghlaschu.

Am measg cuspairean an taisbeanaidh, tha:

dealbhadh a thaobh seasmhachd

dealbhadh a thaobh slàinte ’s mathas dhaoine

a’ bhuaidh a bheir deagh stuth lèirsinneach

Tha an taisbeanadh taobh a-staigh Prìomh-thalla na Pàrlamaid ’s bidh e air chois gu Dihaoine 23 Màirt 2012. ‘S e an taisbeanadh as fhaide a chaidh a chumail a-riamh aig a’ Phàrlamaid, ’s tha e a’ faighinn taic o Alba Chruthachail.

‘S iad an luchd-dealbhaidh:

Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè

 

Barbara Beek – Soillseachadh

Carin Nic a’ Phearsain – Dealbhadh A-staigh is na h-Àrainneachd

Michail Vanis – Dealbhadh Didseatach Eadar-ghnìomhach

Rebecca Veal – Dealbhadh A-staigh is na h-Àrainneachd

 

Colaiste Ealain Dhùn Èideann

 

Felix Chabluk Smith – Fasan

Mark Kobine – Dealbhadh Bathair

Emma R. Lally – Dealbhadh Graifigeach

 

Sgoil-Ealain Gray’s, Glaschu

 

Caoimhin Camshron – Conaltradh Lèirsinneach

Natalia Lozano – Dealbhadh Bathair

Simone Russell – Conaltradh Lèirsinneach

Sàra Struthers – Dealbhadh Fasain.

 

Sgoil-Ealain Ghlaschu

 

Seumas Edwin Bettney –Dealbhadaireachd-camara

Jamina Davidson – Dealbhadh A-staigh

Sara Amy Fishlock –Dealbhadaireachd-camara

Benjamin Pawle – Dealbhadh Bathair