Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo #gaidhlig #gaelic


Diciadain 18 Faoilleach

2.30 f  Àm Cnuasachaidh– Cèitidh McKenna agus Dominic Bradley, seann sgoilearan à Àrd-sgoil St Ninian, Siorrachd Dhùn Bhreatann an Ear

air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

air a leantainn le Aithris mhinistreil: Foisean aig Luchd-obrach seirbheis carbadan-eiridinn na h-Alba.

 

Seann charbad-eiridinn

Seann charbad-eiridinn

 

air a leantainn le Deasbad Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd: Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais

air a leantainn le Gluasad Gnothaichean

air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00 f Àm Co-dhùnaidh

air a leantainn le Gnothaichean Bhall– S4M-01596 Elaine Mhòireach: Reafran air Neo-eisimeileachd, Let Wallace Vote.

 

Elaine Mhoireach BPA

Elaine Mhoireach BPA

 

Diardaoin 19 Faoilleach 2012

9.15 m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Taghaidhean Ionadail 2012 (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01741 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean)

11.40 m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 12 Faoilleach 2012)

12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 17 Faoilleach 2012)

2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Cultar agus cùisean taobh a-muigh
Bun-structair agus tasgadh Calpa

(airson teacs nan ceistean faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 17 Faoileach 2012)

2.55 f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Clàr-gnothaichean airson Chathair-bhailtean (airson teacs a’ ghluasaid faic S4M-01740 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean)

Glaschu

air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00 f Àm Co-dhùnaidh

air a leantainn le Gnothaichean Bhall– S4M-01065 Seonag NicAilpein: Sabhail Introducing in Scotland (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01741 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 16 Faoilleach 2012).

 

 

 

Seonag NicAilpein BPA

Seonag NicAilpein BPA