Litir le Uilleam Uallas a’ tighinn don Phàrlamaid #gaidhlig


San Lùnastal am-bliadhna, thèid litir 700 bliadhna dh’aois a bha aig Uilleam Uallas a thaisbeanadh ann an Alba. Còmhla ri litir ainmeil Lübeck, bidh i mar phàirt de thaisbeanadh air leth aig Pàrlamaid na h-Alba air a chur ri chèile còmhla ri Clàran Nàiseanta na h-Alba.

Ainm-sgrìobhte Uilleim Uallais

Airson barrachd fiosrachaidh, faic am fios naidheachd a chur oifis nam meadhanan a-mach an-diugh gu h-ìosal:

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Agus i a’ sgaoileadh fiosrachaidh mun taisbeanadh an-asgaidh, a bhios a’ ruith bho Dhihaoine 10 gu Dihaoine 31 Lùnastal 2012 ann am prìomh thalla Thaigh an Ròid, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Ann am Pàrlamaid na h-Alba, bidh sinn a’ cumail thaisbeanaidhean a tha nan togail-inntinn agus a tha tionnsgalach. Is cinnteach gun toir an taisbeanadh air leth seo soilleireachadh air Alba san àm a dh’aom agus gum bi e na dhùbhlan air na beachdan a tha againn a thaobh mar a bhios i san àm air thoiseach. Mar phàirt den Fhèis Phoilitigs bhliadhnail againn, bheir a’ chiad sealladh riamh de na rudan luachmhor seo, cho math ris an t-sreath na chois de dh’òraidean is de dheasbadan, cothrom dha-rìribh don luchd-tadhail againn eòlas a chur air eachdraidh na h-Alba aig Taigh an Ròid.”

Chaidh toirt air ais na litreach do dh’Alba a chur an cèill an-diugh le Rùnaire a’ Chultair aig Riaghaltas na h-Alba Fiona Hyslop, aig Oifis nan Clàran Nàiseanta.

Tha an dà litir brisg agus chan fhaodar an taisbeanadh ach fo shoillseachadh air a riaghladh fad ùine gu math goirid an-dràsta is a-rithist. Tha litir Uallais air a bhith air a gleidheadh ann an Sasainn bho chaidh a lorg ann an Tùr Lunnainn sna 1830an. Tha i air iasad fada do Chlàran Nàiseanta na h-Alba a-nis an dèidh aonta a dhèanamh leis an Tasglann Nàiseanta ann an Kew. Tha litir Lübeck air iasad bho thasgaidhean Baile Lübeck, le aonta bhon Àrd-bhàillidh is bhon Chomhairle. Chaidh a taisbeanadh an turas mu dheireadh ann an Alba ann an 2005, ri linn taisbeanadh ‘Dìreach Airson na Saorsa’ aig Pàrlamaid na h-Alba.

Cùl-cinn

Ann an 2010-2011, ghabh Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba beachd air toirt air ais na litreach. PE1350: Athchuinge le Nick Brand ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba a bhith brosnachadh Riaghaltas na h-Alba gus iarrtas foirmeil airson iasaid a chur don Tasglann Nàiseanta ann an Kew gus litir Uallais a chur air ais do dh’Alba fo aonta-iasaid bhuan.

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/40047.aspx

Gheibhear cothrom air dealbh de litir Ualais aig:

http://www.nationalarchives.gov.uk/documentsonline/williamwallace.asp

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu litir Lübeck an seo:

http://www.scottisharchivesforschools.org/ffa/lubeck.asp

Litir Lubeck