Gnothaichean an t-Seòmair an t-seachdain seo


Bliadhna mhath ùr!

Soidhne le "A-steach" sgrìobhte air taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba

Seo prìomh ghnothaichean ann an Seòmar Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo:

Diciadain 11 Faoilleach 2012

2.30 f  Àm Cnuasachaidh – Paul O’Kane, Oifigear Leasachaidh, Ionad nan Saor-thoileach, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear

air a leantainn le Deasbad Comataidh an Fhoghlaim is a’ Chultair: Rannsachadh air dèanadas cloinn ann an cùram

air a leantainn le Gluasad Gnothaichean

air a leantainn le Gnothaichean Biùro na Pàrlamaid

5.00 Àm Co-dhùnaidh

air a leantainn le Gnothaichean Bhall: S4M-01542 Annabel Goldie: Ionad nan Saor-thoileach, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 12 Dùbhlachd 2011)

Diardaoin 12 Faoilleach 2012

9.15 m Gnothaichean Biùro na Pàrlamaid

air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

11.40 m Am nan Ceistean Cuspaireil (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 22 Dùbhlachd 2011)

12.00 f Ceistean don Phrìomh Mhinistear

2.15 f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Ro-innleachd airson Slàinte, Fallainneachd agus nam Bailtean Mòra (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaion 22 Dùbhlachd 2011)

2.55 f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: A’ leasachadh toradh an fhoghlaim airson na h-òigridh air fad ann an 2012

air a leantainn le Gnothaichean Biùro na Pàrlamaid

air a leantainn le Gnothaichean Bhall: S4M-01558 Mairead Burgess: Iasadan “latha-pàighidh” le riadh àrd (airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 12 Dùbhlachd 2011).

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk