Comataidh a’ sireadh bheachdan air ath-leasachadh sheirbheisean poblach #gaidhlig


Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-ùrachaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air ath-leasachadh sheirbheisean poblach. Chithear fios naidheachd na comataidh gu h-ìosal.

Na dìochuimnich gum faodar beachdan a chur a-steach sa Ghàidhlig.

Alasdair

gàidhlig@scottish.parliament.uk

Poileas taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba

Poileas taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba

Thèid leasachadh air seirbheisean poblach a sgrùdadh le Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Ath-ùrachaidh Pàrlamaid na h-Alba, a chuir gairm air fianais an cèill an-diugh mar a’ chiad phàirt de rannsachadh trì sreathan a bhios a’ ruith fad 2012.

Bidh a’ chiad chuid – com-pàirteachas is toraidhean – a’ sealltainn air mar a bhios comhairlean ionadail ag obair leis na com-pàirtichean aca ri dealbhadh-coimhearsnachd leithid a’ phoileis, bùird NHS agus coimhearsnachdan ionadail gus aontaidhean aon toraidh a chruthachadh agus mar a dh’fhaodas am modh seo fàs is leasachadh. Tòisichidh a’ Chomataidh ag èisteachd ri fianais ann am meadhan a’ Ghearrain 2012.

Tha an dara sreath – a thèid a chumail, thathar an dùil, an samhradh seo tighinn – a’ sealltainn air sgoradh – an dòigh san dèanar coimeas eadar dèanadas anns an aon raon sheirbheisean ann an comhairlean seach comhairlean.  Seallaidh an sreath mu dheireadh, a tha san amharc airson nas fhaide air adhart ann an 2012, air feadhainn de na roghainnean ann an seirbheisean air an roinneadh agus dòighean tionnsgalach eile gus seirbheisean chomhairlean is seirbheisean eile a thoirt seachad.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Joe Mac Giolla Phádraig BPA:

“An dèidh na h-obrach a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid le Coimisean MhicRisnidh, is e raon a tha an seo a tha a’ gluasad air adhart gu bras. Is e sin as coireach gun do chuir a’ Chomataidh roimhpe an obair aice san raon seo a bhriseadh na trì mìrean, gus aig a h-uile h-ìre gum faod sinn a bhith gu tur ris an uair a thaobh na bhios a’ tachairt anns an roinn phoblaich air fad. Bidh riaghaltas ionadail aig cridhe na tha air fàire do leasachadh air seirbheisean poblach, agus tha e deatamach mar sin gun dèan a’ Chomataidh sgrùdadh domhainn air na ceistean a rèir mar a thig an obair seo air adhart.”

Cùl-fhiosrachadh

Amasan Sreath 1 – Com-pàirteachas is Toraidhean

Mar a tha com-pàirteachas ri dealbhadh-coimhearsnachd is am modh ceangailte ri dealbhadh-coimhearsnachd a’ tighinn air adhart agus measadh a dhèanamh air ciamar a chuirte riutha seo mar thaic ri dòigh-dèiligidh stèidhichte air toraidhean a thaobh dealbhadh is lìbhrigeadh sheirbheisean ann an sgìrean ionadail. 

Ceistean bunaiteach san t-sreath seo den rannsachadh:

Ciamar a dh’fhaodadh comhairlean an cuid chom-pàirtichean amalachadh a-steach don obair ann an seagh nas fheàrr?  Ciamar a dh’fhaodte an ìre de rùn ris an obair am measg chom-pàirtichean eile ri dealbhadh-coimhearsnachd a leasachadh?  Ciamar a ghabhas bacaidhean reachdail no rianachd sam bith a dh’fhàgas obair ann an com-pàirteachas nas duilghe fuasgladh?

Ciamar a dh’fhaodas ùghdarrasan ionadail agus an cuid chom-pàirtichean gluasad air adhart gu bhith ag obair gu h-amalaichte ann an da-rìribh?

Dè na ceuman a dhèanadh roinneadh bhuidseatan an tòir air toraidhean air an roinneadh nas fhasa?

Ciamar a bheir na com-pàirtichean barrachd leasachaidh air an adhartas a chaidh a dhèanamh agus na dùbhlain mu dheireadh a thaobh choimhearsnachdan agus eagrachaidhean san roinn shaor-thoilich a thoirt a-steach don obair fhuasgladh?

Ciamar a dh’fhaodar ullachaidhean mu dhealbhadh-coimhearsnachd a fhreagradh is a leasachadh gus dòighean-dèiligidh stèidhichte air toraidhean is dòighean-dèiligidh casgach a chur air adhart?

Ciamar a tha an obair gus Aontaidhean Aon Toraidh a lìbhrigeadh ga rianachd, ga co-òrdanachadh agus ga toirt air adhart tro na cruthan is na h-aontaidhean mu chom-pàirteachas anns na coimhearsnachdan?  Ciamar a dh’fhaodte Aontaidhean Aon Toraidh a leasachadh gus amasan a thaobh dealbhadh-coimhearsnachd a thoirt a-mach?

Dè as adhbhar ri Aonta Aon Toraidh gus cuideachadh gus toraidhean nas fheàrr a thoirt seachad? Ciamar a thathar a’ cur Aontaidhean Aon Toraidh ri chèile gu h-ionadail agus dè an càirdeas a tha aca ri tàbhachdan nàiseanta?

Ciamar a dh’fhaodadh ùghdarrasan ionadail is buidhnean poblach eile barrachd a dhèanamh gus buaidh is leasachadh a thoirt air toraidhean anns an raon aca fhèin?

Ciamar a ghabhas leasachadh toirt air ullachaidhean, dòighean-obrach agus cunntachalachd?

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach Dihaoine, 19 Gearran 2012.

Bu chòir beachdan a chur, mas urrainnear, gu dealanach agus ann an riochd MS Word gu psrandlocalgov.inquiry@scottish.parliament.uk

Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:

Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Ath-ùrachaidh

T3.60

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann EH99 1SP

 

Faodar beachdan don chiad shreath de rannsachadh na Comataidh a dhèanamh tro làrach-lìn na Pàrlamaid.  

Bu chòir do luchd nam meadhanan fios a chur gu:

Felicity MacFarlane: 0131 3486245 Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: Felicity.MacFarlane@scottish.parliament.uk

 

Airson fiosrachaidh mu na comataidhean uile aig Pàrlamaid na h-Alba, tadhlaibh air: www.scottish.parliament.uk

 

Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean na Pàrlamaid is air an t-seòmar mhòr, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu: www.scottish.parliament.uk 

 

Gus ceistean a chur mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
Fòn: 0800 092 7500

Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh fo sheirbheis RNID Typetalk.

Teachdaireachd-teacsa: 07786 209888     

Post-dealain: sp.info@scottish.parliament.uk      

Faodaidh sibh ar leantainn air Twitter a-nis cuideachd @scotparl