Tha Bile na h-Alba na “chothrom caillte”, a rèir Comataidh #gaidhlig


Is “cothrom caillte” a th’ ann am Bile na h-Alba ’s e gun a bhith “freagarrach fhathast” aig Pàrlamaid na RA mar a tha e an-dràsta, a rèir aithisg a dh’fhoillsich Comataidh Bile na h-Alba Diardaoin.

Linda Fabiani, Neach-taic na Comataidh

Linda Fabiani, Neach-taic na Comataidh

Faodar aithisg na Comataidh (Beurla) a leughadh air ar làrach.

Chithear fios naidheachd na comataidh gu h-ìosal

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 Tha Bile na h-Alba “na chothrom caillte agus e gun e bhith freagarrach fhathast”, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

Is e “cothrom caillte” a th’ ann am Bile na h-Alba aig Pàrlamaid na RA mar a tha e an-dràsta, agus gun e a bhith freagarrach fhathast a rèir aithisg a dh’fhoillsich Comataidh Bile na h-Alba Diardaoin.

‘S e beachd Neach-gairm na Comataidh, Linda Fabiani BPA, math ’s gu bheil am Bile ann, chan eil na cumhachdan leasaichte a mholar airson Pàrlamaid na h-Alba a’ dol fada gu leòr.

Tha an aithisg, a tha dèanta suas le dà phìos is còrr is 200 duilleag, a’ cur an cèill molaidhean na comataidh airson raon de chumhachdan leasaichte a thaobh maoineachais agus eile.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Linda Fabiani, BPA:

“Tha molaidhean Bile na h-Alba a thaobh cumhachd cìsean a thogail a bhith air an tiomnadh dhuinn fhèin a’ ciallachadh, airson a’ chiad turais, gum bi cuid de cho-dhùnaidhean mu chosg airgid ann an Alba a’ bualadh gu dìreach air cìsean pearsanta ann an Alba.

“Aithnichidh a’ Chomataidh seo, ge bith dè seasamh a ghabhar san deasbad a thaobh bun-reachd na h-Alba san àm ri teachd, gum bi muinntir na h-Alba a’ bhòtadh uair is uair airson ’s gum bi tuilleadh chumhachdan againn na thathar a’ faicinn sa Bhile mar a tha e an-dràsta.”

Cuideachd, thuirt Linda Fabiani:

“Tha pàirtean den Bhile as urrainn don chomataidh gu lèir a mholadh. Gidheadh, san fharsaingeachd creididh sinn nach eil am Bile a’ dol fada gu leòr agus gu bheil na th’ ann, ma chuirear an lagh e, mar fhìor chunnart a thaobh maoineachadh poblach na h-Alba.

Co-dhùnaidh ar n-aithisg, ged a tha am Bile a’ lìbhrigeadh ìre car cuibhrichte de fhreagrachd maoineachais, chan eil e a’ lìbhrigeadh na tha a dhìth air Alba, ’s e sin fèin-ùghdarras fiosgail iomlan.”

An co-cheangail ri aonta reachdail Pàrlamaid na h-Alba, co-dhùnaidh a’ Chomataidh aig earrann 6 den aithisg aice:

·        Stèidhichte air an fhianais uile ris an do dh’èist sinn, air freagairtean o Riaghaltas na RA mu atharrachaidhean a mholadh le càch romhainn agus le feadhainn eile ri linn seisean ùr seo na Pàrlamaid, chan urrainn don Chomataidh, uime sin, mholadh gun cuir a’ Phàrlamaid aonta ri Gluasad Aonta Reachdail air Bile na h-Alba mura tèid atharrachadh a rèir co-dhùnaidhean is molaidhean na Comataidh.                

Bithear an dùil gun tog Pàrlamaid na h-Alba deasbad mu aithisg na comataidh sa Bhliadhna Ùr ’s gun cuir i a beachd an cèill mu aonta reachdail.      

Notaichean-taice

1.     Nì a’ chomataidh 45 molaidhean, a thathar a’ cur an cèill ann an earrann 1 den aithisg – faic Liosta nam Molaidhean.

2.     Ged a tha cuid den Bhile a’ faighinn làn-thaic on chomataidh, as a bheil 11 ball, tha a’ chuid is motha de na molaidhean a’ cur an cèill beachd a’ mhòr-chuid. Dhe na 45 molaidhean, bha neo-aonta a thaobh 26 dhiubh agus sgaradh-bheachd mu 3 eile. Am measg prìomh raointean co-aontais tha iasachd calpa, Oighreachd a’ Chrùin agus a’ chùis a thaobh cìsean air siubhail adhair is stuthan cruinnichte a bhith air an tiomnadh do dh’Alba.

3.     Chuir beag-chuid de 4 ball am beachd an cèill ann an aithisg bheag 14 duilleag a tha ri fhaicinn ann an Leas-phàipear A ann an Earrann 2 den aithisg.

4.     Cuideachd, tha ‘treòir buille-sùla’ ri fhaotainn ann an Earrann 1 a tha mar chuideachadh ann a bhith a’ dèanamh coimeas eadar na cumhachdan leasaichte a mhol Westminster, Coimisean Calman, Coimisean Steele agus Comataidhean Bile na h-Alba, a’ chiad tè agus an dàrna tè.

5.     Chruinnich a’ chomataidh 15 turas o chaidh a cur air bhonn leis a’ Phàrlamaid san Ògmhios 2011.  Fhuair i còrr is 90 pìosan de dh’fhianais sgrìobhte agus chualas o iomadh neach-fianaise. Cuideachd, chuir a’ chomataidh air dòigh dà sheisean neo-fhoirmeil cuide ri luchd-gnìomhachais agus tras-roinn de bhuidhnean o ‘Alba Shìobhalta’.

6.     Pròiseas Aonta Reachdail – mar is trice cha bhi Westminster a’ dèiligeadh ri reachdas a thaobh cùisean tiomnaichte na h-Alba gun aonta Pàrlamaid na h-Alba. Gabhaidh seo a-steach, chan e a-mhàin cùisean tiomnaichte, ach cuideachd gnothaichean a dh’atharraicheas comasachd reachdail na Pàrlamaid neo comasachd gnìomhachd nam MInistearan Albannach.

Fios-conaltraidh do Luchd nam Meadhanan:

Eric MacLeòid: 0131 348 5389 Cuirear fàilte air RNID TypeTalk

Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk