Fàilte gu ìre mhòir air Plana na Gàidhlig ach barrachd fòcais a dhìth #gaidhlig


Seo fios naidheachd a chuir comataidh Foghlaim agus Cultair na Pàrlamaid a-mach madainn an-diugh. 

Tha an aithisg fhèin ri fhaighinn aig: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/45382.aspx

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Chuir Comataidh Foghlaim is Cultair fàilte gu ìre mhòir air plana le raon farsaing gus Gàidhlig a chur air adhart, ach tha iad draghail mu roi-innleachd iomlan agus prìomh amasan a’ phlana.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, thug a’ Chomataidh freagairt air dreachd Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17, a tha an-dràsta fo cho-chomhairleachadh aig Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Foghlaim is Cultair, Stiùbhart Maxwell BPA:

“Cuiridh sinn fàilte air dreachd Phlana a’ Bhùird, plana le tòrr amasan. Gidheadh, bidh feum air barrachd fòcais is co-thàthaidh airson a chur an gnìomh gu h-iomlan agus gu h-èifeachdach, cho math ri co-obrachadh dlùth eadar am Bòrd agus na buidhnean a bhios fo dhleastanas a chur air dòigh mas e is gun soirbhich leis.

“Tha dragh air a’ Chomataidh gu bheil am Plana cho farsaing agus le fòcas cho leathan ’s gu bheil e doirbh an-dràsta roi-innleachd iomlan ainmeachadh agus na prìomh amasan a dhearbhadh. Molaidh sinn gun toirear tuilleadh smaoin air dè prìomh amasan a’ Bhùird eadar seo agus 2017, agus air ciamar a thèid iad seo a thoirt gu buil, gu h-àraidh san t-suidheachadh a thaobh airgeadais a tha ann an-dràsta.”

Cùl-sgeul

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, feumaidh Bòrd na Gàidhlig plana nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur fa chomhair Ministearan na h-Alba, plana le molaidhean a thaobh coileanadh an cuid ghnìomhan fon Achd sin. Ann a bhith ag ullachadh a’ phlana, feumaidh am Bòrd dol an co-chomhairleachadh ris a’ Phàrlamaid.

Chaidh dreachd Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 fhoillseachadh air 4 Damhair 2011 agus tha e fosgailte ri co-chomhairleachadh gu 5 Faoilleach 2012.  Tha am Plana ag amas air a bhith a’ toirt air adhart seasamh a’ Phlana a bha ann roimhe, ’s e sin, gum bi a’ Ghàidhlig a’ leantail oirre san àm ri teachd mar “chànan fallain beothail, air a cleachdadh aig tuilleadh dhaoine, le barrachd meas is luach oirre ann an Alba ioma-chulturach agus ioma-chànanach ar latha-ne”.

‘S iad na trì prìomh amasan a chuireas ìre a’ Phlana an cèill:

 

·      “stad a chur air a’ chrìonadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba le bhith a’ cruthachadh barrachd luchd-labhairt ùra”;

·      “cur ris na suidheachaidhean sa bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh, a rèir prìomh phrionnsapal Achd na Gàidhlig, ’s e sin co-ionannachd meas aig Gàidhlig agus Beurla”; agus

·      “cuideachadh luchd-labhairt – fileantaich agus luchd-ionnsachaidh – gu bhith a’ toirt air adhart an comas anns a’ Ghàidhlig agus am misneachd ann a bhith ga cleachdadh, agus dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghàidhlig na cànan a tha fallain, beothail”.

‘S e prìomh thargaid a’ Phlana gum bi an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig seasmhach maireannach le bhith ag àrdachadh na h-ìre far am bi luchd-labhairt ùra a’ ruigsinn fileachtachd a chor is gun lìonar am beàrn a thachras ri linn dìth luchd-labhairt nas aosta.  

Cuiridh Geàrr-chunntas Gnìomhach a’ Phlana an cèill raon mholaidhean gus an targaid seo agus na h-amasan na lùib a thoirt a-mach, nam measg—

  • taic do dhaoine a thaobh a bhith a’ togail chloinne leis a’ Ghàidhlig anns an dachaigh
  • leudachadh agus leasachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), ag amas air an àireamh chloinne agus dhaoine òga ann am FTG a dhùblachadh rè beatha a’ Phlana
  • leudachadh agus leasachadh foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh, aig gach ìre
  • leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, sa choimhearsnachd agus san àite-obrach
  • roinn ealain, meadhanan agus dualchais a leasachadh
  • cur ri comas na Gàidhlig fhèin mar chànan gus dèiligeadh ri raon cleachdaidh a tha a’ sìor-fhàs
  • a’ cruthachadh àrainneachd agus structar-taice a chumas na leasachaidhean sin a’ dol air dhòigh is gun tig iad gu bhith air am faicinn mar rudan ‘àbhaisteach’
  • a’ cur nam puingean sin, mar a bhios iomchaidh, an lùib Phlanaichean Gàidhlig reachdail, saor-thoileach is coimhearsnachd agus ann an Aontan Buil Shingilte.

Tha am Plana air a bhriseadh sìos a rèir nan sia cuspairean a leanas—

·    Dachaigh:

·    Foghlam agus Ionnsachadh;

·    Coimhearsnachd;

·    Àite-obrach;

·    Ealain, meadhanan agus dualchas;

·    Planadh corpais.