Gàidheal Ghlaschu a’ tadhal air a’ Phàrlamaid


Seo blog bho Seumas Uallas a chuir thuras gu Pàrlamaid na h-Alba air dòigh le Meetup Gàidhlig Ghlaschu bho chionn goirid.   

Meetup Gàidhlig Glaschu ann am Margadh an Fheòir

Meetup Gàidhlig Glaschu ann am Margadh an Fheòir

Chaidh buidheann bho Meetup Gàidhlig Ghlaschu gu Pàrlamaid na h-Alba mìos air ais air Disathairne 12mh den t-Samhain. Shiubhail iad bho air feadh na h-Alba: bho Dhùn Dè, Peairt, Fìobha, Siorrachd Air agus Glaschu. Chaidh Meetup Gàidhlig Ghlaschu don Phàrlamaid an-uiridh cuideachd airson an dara Latha na Gàidhlig, agus seo aithris (sa Bheurla) air an turas sin:

http://blog.gaelicglasgow.org.uk/2010/12/gaelic-day-at-scottish-parliament-latha.html

Mus do ràinig sinn a’ Phàrlamaid, chuala sinn còmhradh eadar Ruairidh MacIlleathain agus Sean Batty (fear na tìde aig STV) ann am Margadh an Fheòir aig coinneamh bhliadhnail Chlì Gàidhlig far an deach mi a-steach air a’ Bhòrd. Chòrd an còmhradh is coinneamh ri gach neach agus an uair sin, chaidh a’ bhuidheann do Thaigh an Ròid.

Chòrd an turas-treòraichte againn, a bha ann an Gàidhlig, le Anna aig Seirbheis Luchd-tadhail ris a h-uile duine. Chaidh iad air cuairt gu ùrlar an t-Seòmair Dheasbaid, Lobaidh a’ Ghàrraidh agus gu Seòmar Comataidh.

Seo beachdan eile bhon luchd-tadhail anns a’ buidhinn againn:

Chòrd e rium glan tadhal air a’ Phàrlamaid – mu dheireadh thall. Bha an treòraiche againn glè mhath ’s rinn i a dìcheall dèanamh cinnteach gun robh fiù an fheadhainn nach robh buileach fileanta a ghabhail a-staigh. Tha a’ Phàrlamaid fhèin ’na thogalach air leth inntinneach, fada nas tarraingeach na tha e a’ coimhead air an TV! Air an làimh eile, bha e annasach a chluinntinn nach eil fionnarachadh san talla-deasbaid mhòr agus gu bheil na podaichean-meòmhrachaidh gun chofhurtachd sam bith. Iongantach nach robh Miralles a’ leantainn a mhantra “cruth a’ leantainn foincsean” ach sin agad an luchd-ailtireachd! – Michael Bauer, Glaschu

Bha sinn aig Pàrlamaid na h-Alba airson cuairt timcheall an togalaich. Bha neach-iùil à Leòdhas againn agus chuir i fàilte oirnn. Bha e math fhèin a bhith cluinntinn Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid. Tha an togalach drùidhteach agus rinneadh e le diofar seòrsa chlachan. Chunnaic sinn “Debating Chamber” agus “Committee Room” agus seòmraichean eile. Bha e glè inntinneach. Chòrd e rium gu math. – Christopher Davis, Fìobha

‘Chòrd a’ chuairt rium gu mòr, tha mi a’ faireachdainn mar gu bheil tuigse nas fheàrr agam a-nis air togalaichean a’ Phàrlamaid agus air an adhbhar gu bheil iad mar a tha iad.’ Lewis Rhys Laing, Peairt

Às dèidh turas don Phàrlamaid, chaidh a’ bhuidheann gu ‘Cànan is Cèic’ ann an Croise na Cìse airson cothrom còmhraidh is beagan ceòl air a’ phìob bhig le Craig MacFarlane.

Seumas Uallas

Ma tha thu fhèin no do bhuidheann-sa air tadhal air a’ Phàrlamaid, na bi leisg rudeigin a sgrìobhadh dhuinn dhan bhlog. Agus ma tha sibh ag iarraidh turas don phàrlamaid a chur air dòigh, cuir fios thugainn aig gaidhlig@scottish.parliament.uk.