Comataidh na Pàrlamaid a’ gabhail fianais bho Bhòrd na Gàidhlig


Tha Gàidhlig gu leòr ga cluinntinn aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Anns a’ mhadainn ghabh Comataidh Foghlam is Cultar aig a’ Phàrlamaid fianais ann an Seòmar Comtaidh 2 bho Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig agus Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig air am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17.

Agus air an fheasgar bidh a’ Bhuidheann Thar-phàrtaidh air Gàidhlig a’ tighinn ri chèile gus a’ choinneamh riaghailteach aca a chumail ann an Seòmar Comataidh 6 aig 5f.

Tha Buidhnean Tar-phàrtaidh (no ‘CPGs’) ann gus cothrom a thoirt do Bhuill bho na pàrtaidhean uile, do bhuidhnean bhon taobh a-muigh agus don phoball a bhith a’ coinneachadh ri chèile gus deasbad air cuspair air a bheil an ùidh.  

Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air na Buidhnean seo, faodaidh tu tadhal air na duilleagan seo:

 http://scottish.parliament.uk/gd/msps/1696.aspx

 http://www.scottish.parliament.uk/msps/41825.aspx

Marc