Turas gu Seanadh Èireann a Tuath


Bho chionn dà sheachdain, chaidh mi air turas gu Èirinn a Tuath gus pàirt a ghabhail ann an co-labhairt agus gus ionnsachadh mu Sheanadh Èireann a Tuath (Tionól Thuaisceart Éireann).

Air an turas don t-seanadh, fhuair mi cothrom coinneachadh ri luchd-obrach à sgioba conaltraidh is sgioba a-muigh (outreach) an t-seanaidh agus chaidh turas treòraichte a chuir a dòigh dhomh. Bha cothrom agam pàirt de sheisean foghlaim fhaicinn cuideachd.

Bha mi airson ionnsachadh mu mar a tha riochdaireachd fhèin-riaghlach (devolved legislature) eile ag obair agus gus faicinn an robh dad ann a b’ urrainn dhomh ionnsachadh a bhiodh feumail nar n-obair ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Suaicheantas Seanadh Èireann a Tuath

Seo suaicheantas an t-seanaidh. Tha flùraichean lìn ann oir bha lìon no lìneadach (linen) air leth cudromach ann an eaconomaidh Èireann a Tuath uair. Tha sia flùraichean ann, fear airson gach siorrachd ann an Èireann a Tuath: Aontroim, Ard Mhacha, Doire, an Dún, Fear Manach  agus Tír Eoghain (Antrim, Armagh, Derry, Down, Fermanagh agus Tyrone).   

Tha togalach an t-seanaidh (“Toglaichean na Pàrlamaid”)  gu math mòr is brèagha agus tha aghaidh an togalaich 365 slat a dh’fhaid – slat airson gach latha den bhliadhna mar shamhla gu bheil an Seanadh a’ coimhead às dèidh a’ phobaill fad an t-siubhail. Mar an ceudna, tha 52 colbhan ann, fear airson gach seachdain den bhliadhna.

Toglaichean na Pàrlamaid, Stormont, Beál Feirste.

Tha Toglaichean na Pàrlamaid suidhichte ann am pàirce bhrèagha a tha fosgailte don t-sluagh – car coltach ri Pàrlamaid na h-Alba a tha suidhichte ann an garaidhean ri taobh Pàirce an Ròid.  Eu-choltach ri Pàrlamaid na h-Alba, ge-tà, a tha aig bun na Mìle Rìoghail, tha Seanadh Èireann a Tuath air mullach cnuic agus tha deagh shealladh ann dheth à Beál Feirste an Ear agus à Contae an Dúin.

Bha mi ann air deagh latha, 17 Samhain 2011. Chaidh prògram reachdais Riaghaltas Èireann a Tuath fhoillseachadh air an latha a bha mi ann is mar sin, fhuair mi cothrom a dhol a-steach don t-seòmar agus foillseachadh a’ phrògram fhaicinn. Chunnaic mi prìomh mhinistear Èireann a Tuath, Peter Robinson MLA (Member of the Legislative Assembly – Comhalta den Tionól Reachtach) agus Leas-phrìomh Mhinistear Màrtainn MacAonghais MLA a’ bruidhinn cho math ri ceannard an UUP Tom Elliott MLA agus ceannard ùr an SDLP (Social Democratic and Labour Party / Páirtí Sóisialta Daonlathach an Lucht Oibre) an Dr Alasdair McDonnell MLA a’ bruidhinn.

Prìomh Mhinistear Peter Robinson a' cur prògram reachdais Riaghaltas Èirinn a Tuath air bhog.

Prìomh Mhinistear Peter Robinson a' cur prògram reachdais Riaghaltas Èirinn a Tuath air bhog.

Am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad, bha tòrr ann a tha cuideachd àrd air a’ chlàr phoilitigeach ann an Alba: an eaconomaidh, turasachd, an àrainneachd, iomadachd, ath-leasachadh seirbheisean poblach agus an deasbad am bu chòir barrachd cumhachdan a thaobh chìsean a bhith aig an t-Seanadh.

Faodar teacs an deasbaid a leughadh air loidhne air Aithisg Oifigeil an t-Seanaidh.

Bha cuspairean eile ann cuideachd a bha a’ buntainn gu sònraichte ri Èirinn a Tuath, ge-tà: ag ath-leasachadh riaghaltas ionadail, agus an càirdeas eadar na diofar choimhearsnachdan ann an Èirinn a Tuath. Latha no dhà ron turas agam don t-seanadh cuideachd, bha deasbad anns an t-seanadh a thaobh smocadh ann an càraichean nuair a bhios clann an làthair agus bhòt iad gum bu chòir don Riaghaltas reachdas a thoirt a-steach air a’ chuspair. Tha deasbad ann cuideachd air ìsleachadh àireamh nam MLA mar thoradh air atharrachadh ann an àireamh nam Ball Pàrlamaid aig Èireann a Tuath ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte.

Deasbad ann an Seanadh Èireann a Tuath

Deasbad ann an Seanadh Èireann a Tuath

A chionn ’s gur e deasbad uamhasach cudromach a bh’ ann, bha na MLA uile an làthair. Tha 108 ann uile gu lèir agus coltach ri Alba, tha iad air an taghadh le siostam bhòtaidh STV. Tha na suidheachain ann an cruth “cruadha” coltach ri Pàrlamaid na h-Alba cuideachd.

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha an Seanadh làidir air obair foghlaim. Tha prògram foghlaim aca agus tha làrach-lìn foghlam dathach sgoinneil ùr aca a tha a’ toirt cothrom dhan òigridh ionnsachadh mu dheidhinn agus pàirt a ghabhail ann an cuisean poilitigeach an latha.  Tha an làrach-lin ri faighinn aig: http://education.niassembly.gov.uk/ agus bidh ùidh agus chanainn gum bi e feumail agus inntinneach do dhuine sam bith a tha an sas ann am foghlam.

Làrach foghlaim Seanadh Èireann a Tuath

Làrach foghlaim Seanadh Èireann a Tuath

Tha sgioba tachartasan làidir aig an t-seanadh cuideachd agus am measg rudan eile, tha deasbadan òigridh agus seòrsa de Masterchef air a bhith ann!

Tha beagan fiosrachaidh mun t-Seanadh ri fhaighinn sa Ghaeilge (Gàidhlig na h-Èireann) air an làraich-lìn aca. Agus faodar an Seanadh a leantainn air Facebook agus air Twitter.

Ma tha sibh ann an Èirinn a Tuath uair sam bith, mholainn turas don t-seanadh!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Turas gu Seanadh Èireann a Tuath

Tha na beachdan dùinte.