Deasbadairean òga Latha an Naoimh Anndrais


Thèid dà dheasbad anns am bi daoine òga an sàs a chumail anns a’ Phàrlamaid an t-seachdain seo.

Thèid còigeamh Deasbad bliadhnail an Naoimh Anndrais a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diluain 28 Samhain.

Agus e ga chumail ann an co-bhonn ri Riaghaltas na h-Alba agus Comann Luchd na Beurla, anns a’ ghnothach air leth seo, thig oileanaich còmhla à sgoiltean is oilthighean air feadh na h-Alba. Bidh sgiobaidhean nan oileanach a’ dol nan càraidean is a’ dol am farpais anns a’ chiad chuairt le dòchas an gnothach a dhèanamh chun na cuairte mu dheireadh a thèid a chumail ann an seòmar deasbaid na Pàrlamaid.

Is e an dara deasbad, ga chumail Latha an Naoimh Anndrais fhèin (Diciadain 30 Samhain), a’ chuairt mu dheireadh de Dheasbad nan Sgoiltean Gàidhlig aig BT Alba.

Bha fichead sgoil bho naoi deug àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba an sàs anns a’ chiad chuairt anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus thèid an dara cuairt mu dheireadh a chumail Dimàirt 29 Samhain ann an Dùn Èideann. Anns an dara cuairt mu dheireadh, bidh Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh, an aghaidh Àrd-sgoil Gheàrrloch, Taobh Siar Rois; agus Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig, Dùn Èideann, an aghaidh Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis.

Marc