Deireadh-seachdain airson an teaghlaich aig a’ Phàrlamaid


suaicheantas D&D

Bidh tachartasan an-asgaidh airson an teaghlaich gan cumail Dihaoine 25 agus Disathairne 26 Samhain aig Pàrlamaid na h-Alba gus Latha Naoimh Anndrais a chomharrachadh.

Tha a’ Phàrlamaid air a bhith ag obair còmhla ri Ionad-saidheans Ghlaschu gus clàr a chur air dòigh a bhios a’  brosnachadh clann is inbhich a bhith a’ smaoineachadh mu chruthachadh, saidheans is na dùbhlain an lùib dealbhadh [design] agus ag ionnsachadh beagan mun Phàrlamaid aig an aon àm. Bidh cothrom sùil a thoirt air taisbeanadh ùr mu dhealbhadh is deamocrasaidh cuideachd.

Tha na tachartasan seo airson an teaghlaich an-asgaidh agus bidh iad gan cumail bho 11.30m gu 3.30f Dihaoine 25 Samhain agus 11.00m gu 5.00f Disathairne 26 Samhain.

Gheibh thu beagan fiosrachaidh a bharrachd bho na ceanglaichean gu h-ìosal:

http://scottish.parliament.uk/gd/newsandmediacentre/44493.aspx (Gàidhlig)

http://www.scottish.parliament.uk/newsandmediacentre/44147.aspx (Beurla)

Marc