Turas gu Èirinn a Tuath #gaidhlig #gaeilge


Bha mi an làthair aig Co-labhairt ann an Seanadh Èireann a Tuath (Tionól Thuaisceart Éireann) Diciadain. Chaidh seo a chumail leis a’ bhuidhinn Gaeilge Pobal, a tha ag obair gus Gàidhlig na h-Èireann a bhrosnachadh ann an Èireann a Tuath.

Seanadh Èiireann a Tuath, Stormont

B’ e reachdas cànain cuspair an latha agus chaidh iarraidh orm a dhol ann gus bruidhinn mun bhuaidh a tha air a bhith aig Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air faicsinneachd na Gàidhlig ann an Alba taobh a-staigh is taobh a-muigh na Pàrlamaid.

Alasdair MacCaluim

Chaidh na prìomh òraidean a thoirt seachad leis an Àrd-ollamh Rob Dunbar às a’ bhuidhinn rannsachaidh Soillse a bha a’ bruidhinn air diofar modalan de reachdais cànain air feadh an t-saoghail bho Chanada gu Poblachd na h-Èireann agus a’ Chuimrigh.

An t-Àrd Ollamh Rob Dunbar

 

Air an fheasgair, bhruidhinn an t-Àrd-ollamh Colin Williams à Oilthigh Caerdydd / Cardiff mun reachdas ùr airson na Cuimris ris an do ghabh seanadh na Cuimrigh na bu thràithe am-bliadhna. Bha an t-Àrd-ollamh den bheachd gun robh an dà chuid cothroman agus cunnartan an lùib an reachdais ùir.

An t-Àrd Ollamh Colin Williams

Bha cothroman agam coinneachadh ri daoine à diofar buidhnean poblach a bha ag obair às leth na Gaeilge, a’ gabhail a-steach oifigearan Gàidhlig bho chomhairlean leithid Comhairle Chathrach Dhoire agus bha e uamhasach inntinneach is feumail faighinn a-mach dè na seirbheisean a tha iad a’ toirt seachad sa Ghaeilge.

B’ e co-obrachadh eadar-nàiseanta fìor mhath a bha seo agus chòrd e gu mòr rium. Nas cudromaiche, ionnsaich mi tòrr rudan a bhios feumail airson m’ obair an seo sa Phàrlamaid air ais ann an Alba!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk