Beannachdan à Eirinn a Tuath #gaidhlig #gaeilge


Tha mi air a bhith ann an Eireann a Tuath an-diugh is an-de mar phàirt den obair agam.

An-dè bha co-labhairt inntinneach aig a’ bhuidheann Pobal mun Ghaeilge ann an Eirinn a Tuath. An-diugh, bha mi ann an Seanadh Eireann a Tuath (no Tionól Thuaisceart Éireann mar a chanas iad sa Ghaeilge) gus ionnsachadh mun obair a bhios iad a’ dèanamh leis a’ phobal.

Bidh mi ag aithris air na rudan seo air a’ bhlog seo anns na beagan làithean a tha romhainn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk