Co-obrachadh air planaichean Gàidhlig #gaidhlig


Tha sinn nar ball den bhuidhinn airson buidhnean poblach a tha a’ cur planaichean Gàidhlig air dòigh. Bidh sinn a’ coinneachadh gach trì mìosan airson cluinntinn mu na tha a’ tachairt agus gus “deagh chleachdadh” a roinn.

Aig a’ choinneimh mu dheireadh Dihaoine sa chaidh, chuala sinn mu tòrr rudan inntinneach is feumail.

Tha SNH, còmhla ri Ainmean-àite na h-Alba air leabhar dathach dà-chànanach fhoillseachadh air a bheil “A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-àite ann an Ìle agus Diùra” le Jacob King agus Michelle Cotter.

"Ainmean-àite ann an Ìle agus Diùra" - leabhar ùr SNH is AÀA

Tha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bhith a’ faighinn ceumnach (gradulate) le Gàidhlig fad bliadhna tro sgeama nàiseanta gus obair a dhèanamh air plana Gàidhlig na buidhne.

Chuala sinn bho SQA gu bheil iad air teisteanasan ùra a chur air bhog airson inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Gabhaidh iad seo a chleachdadh an dà chuid le clasaichean Gàidhlig àbhaisteach is le cùrsaichean Ulpan. ‘S e teisteanasan an latha an-diugh a th’ annta agus chan e deuchainnean den t-seann stoidhle agus mar sin, chan eil adhbhar dragh sam bith ann do luchd-ionnsachaidh! Deagh naidheachd dha-rìribh.

Tha beachd ùr inntinneach aig Comhairle nan Eilean Siar. Tha sgeama pilot “buddy” aca far a bheil Roinn an Fhoghlaim. Tha iad air atharrachadh far a bheil daoine a’ suidhe gus am bi luchd-ionnsachaidh a’ suidhe ri taobh daoine a tha fileanta gus am bi cothrom aca an cuid Gàidhlig a thoirt air adhart agus fileantachd a ruighinn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith gu math trang le obair cho-chomhairle air a’ phlana Ghàidhlig ùr aca agus tha iad air coinneamhan a chumail air feadh na Gàidhealtachd mu dheidhinn. Tha cothrom ann do bheachdan a chur a-steach fhathast ma tha ùidh agad ann.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk