Comataidh na Pàrlamaid gu bhith a’ gabhail fianais air Plana Nàiseanta na Gàidhlig


Bidh Comataidh Foghlam agus Cultar Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail fianais bho Bhòrd na Gàidhlig air dreach Phlana Nàiseanta na Gàidhlig aig a’ choinneimh aca, Dimàirt 6 Dùbhlachd.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Bidh a’ choinneimh a’ tòiseachadh aig 10m.

Bidh cothrom agad gnothaichean a leantainn beò air-loidhne air Holyrood.tv no an leughadh às dèidh làimh ann an aithisg oifigeil na Pàrlamaid.

Faodar tiocaidean a chur air dòigh don choinneimh cuideachd tro sgioba Seirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk